Rèile-beinne dùinte gu Foghar 2022

  • Air fhoillseachadh
Rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm

Tha rèile-beinne a' Chùirn Ghuirm gu bhith na tàmh geamhradh eile, agus tron ath shamhradh.

Tha dàil air obair-càraidh air an loidhne fhèin a' ciallachadh nach eil dùil gum bi an rèile-beinne air ais ann an seirbheis a-rithist chun an Fhoghair 2022 - an dèidh a bhith dùinte bho 2018.

Thòisich obair air an rèile-beinne san t-Samhain an-uiridh, le dòchas gum biodh sin deiseil ron Ghearran an ath-bhliadhna.

Ach tha a-niste Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) ag ràdh gu bheil duilighdeasan teicnigeach, droch aimsir, agus Covid air sin a phutadh air ais gu an dèidh an t-Samhraidh.

Bidh raointean sgithidh fosgailte am-bliadhna le naoi innealan draghaidh ag obair.

Ach thig stad air an obair-càraidh air an rèile am meadhan a' gheamhraidh a-rithist, le HIE ag ràdh gum bi feum air deuchainnean sàbhailteachd an dèidh sin.

Tha buaidh ionmhaisail aige seo, agus Riaghaltas na h-Alba air £16m a chur mu choinneimh na h-obrach-càraidh, agus HIE ag ràdh gu bheil iad a-niste a' toirt sùil às ùr air cosgaisean, le dùil ri buidseat ùr cho luath 's a tha sin comasach.

Trending Now