Leasachadh £2m ann an Gleann Comhann

  • Air fhoillseachadh
Taigh-tasgaidh Ghleann ComhannTùs an deilbh, Taigh-tasgaidh Ghleann Comhann

Chaidh cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson leasachadh £2m a dhèanamh air Taigh-tasgaidh Ghleann Comhann.

Thèid gailearaidh ùr a thogail, cho math ri bùth is taighean-beaga.

Chaidh an taigh-tasgaidh a stèidheachadh anns na 1960an agus gnothaichean bho àm nan Seumasach agus nan cogaidhean mòra air an cumail ann.

Ghluais e dhan làraich a th' aca san là a th' ann - dà bhothan bhon 18mh linn - ann an 1971 is an cruinneachadh air fàs ro mhòr airson an togalaich a bh' ann.

LeasachaidheanTùs an deilbh, Peter Drummond Architects

Bha dùil ron sin gun rachadh na bothain a leagail is 's e iomairt ionadail a chuir stad air carbadan a bha a' dol a chur às dhaibh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise air cead-dealbhachaidh a thoirt seachad airson leasachaidh £2m air an taigh-tasgaidh.

Tha dùil gun tòisich obair ro dheireadh 2023 is gum fosgail an taigh-tasgaidh às ùr ann an 2024.

"Tha sinn air ar dòigh is tha sinn cho taingeil dhan a h-uile duine a chuidich sinn an ìre a ruighinn", thuirt Mòrag Watt, a tha am measg urrasairean an taigh-tasgaidh.

"Tha sinn mothachail gu bheil dùbhlain air thoiseach oirnn fhathast ach tha taic na coimhearsnachd air a bhith cho cudromach", thuirt i.

LeasachaidheanTùs an deilbh, Mather & Co
Trending Now