Dàil air seusan trèana Harry Potter na adhbhar dragh do ghnothachasan turasachd

Tha an trèana-smùid Seumasach agus Viaduct Ghleann Fhionnainn air nochdadh ann am filmichean Harry Potter
- Air fhoillseachadh
Thàinig rabhadh bhon chompanaidh a tha a' ruith na trèana-smùid a choisinn cliù mar an Hogwarts Express ann am filmichean Harry Potter gum bi dàil ann mus tòisich seusan ùr na seirbheis.
Tha an trèana-smùid Seumasach aig West Coast Railways (WRC) a' dol eadar An Gearasdan agus Malaig air loidhne-rèile ìomhaigheach Taobh Siar na Gàidhealtachd.
Tha a' chompanaidh a' sireadh cead carbadan seann-fhasanta Mark 1 a tha a' còrdadh gu mòr ri luchd-siubhail a chleachdadh, ach feumaidh an riaghladair, Oifis na Rèile agus nan Rathaidean (ORR), measadh a dhèanamh air an iarrtas.
Thuirt a' bhuidheann-ghnothachais Seòmar Taobh Siar na Gàidhealtachd gun robh a' chuairt trèana riatanach a thaobh eaconomaidh na sgìre agus thuirt iad gun d' fhuair iad aithrisean gun robh cuid de luchd-tadhail air àitichean-fuirich a chur dheth leis nach robh cinnt ann mun t-seusan ùr.
Thuirt WRC nach do reic iad ticeadan agus nach do dhearbh iad cuin a thòisicheas an seusan ùr. B' àbhaist don t-seirbheis tòiseachadh sa Mhàrt neo sa Ghiblean.
Dùblachadh luchd-siubhail air loidhne-rèile Harry Potter
- Air fhoillseachadh12 An Gearran 2019
"Hogwarts Express" na tàmh air adhbharan sàbhailteachd
- Air fhoillseachadh21 An t-Iuchar 2023
Thug WRC an trèana agus na carbadan don chompanaidh film Warner Bros airson na filmichean Harry Potter a dhèanamh.
Tha Viaduct Ghleann Fhionnainn cuideachd a' nochdadh san t-sreath.
'S e fear de na tursan rèile as motha a tha a' còrdadh ri daoine agus tha e a' tarraing eòlaichean rèile cho math ri luchd-leantainn Harry Potter.
Tha eus-aonta fad ùine air a bhith ann eadar WCR agus ORR a tha ag iarraidh orra glasadh coitcheann a chur an sàs sna carbadan Mark 1 a chuireas bacadh air luchd-siubhail bho bhith a' fosgladh dhorsan nuair a tha an trèana a' dol.
Thuirt ceannard WCR Seumas Shuttleworth gun rachadh an siostam a chur an sàs ach gun toireadh seo ùine agus gun robh iad air cur a-steach airson cead na carbadan a chleachdadh às aonais san eadar-ama.
Thuirt iad gun d' fhuair iad am faochadh seo roimhe, agus gun deach stiùbhardan a chleachdadh airson na dorsan a ghlasadh.
Thuirt Mgr Shuttleworth gun do chleachd iad carbadan ùra Mark 2 aig a bheil glasadh coitcheann sna bliadhnaichean a dh'fhalbh.
Ge-tà, cho-dhùin iad gun an cleachdadh am-bliadhna leis nach gabh iad na h-uimhir de dhaoine, agus leis gu bheil carbad-dìosail a dhìth aig a' chùl airson an siostam fuarachaidh-adhair obrachadh.
Thuirt iad gun do chaill iad teachd a-steach le bhith a' cleachdadh nan carbadan Mark 2, agus gun do dh'innis luchd-siubhail gum b' fheàrr leotha na carbadan Mark 1.
Thuirt Mgr Shuttleworth gum foillsicheadh iad fiosrachadh mun t-seusan ùr nuair a bhiodh sin aca.
Thuirt an ORR nach deach aonta a ruighinn air an iarrtas agus gun robh iad ga sgrùdadh.
"Dìth shoilleireachd"
Thuirt labhraiche Seòmar Taobh Siar na Gàidhealtachd: "Chan e a-mhàin turas rèile a th' ann an seirbheis na trèana-smùid Seumasaich; tha e fìor chudromach do dh'eaconamaidh Taobh Siar na Gàidhealtachd.
"Tha aithrisean ann mar-thà gu bheil daoine a' cur dheth àitichean-fuirich air sgàth na dìth shoilleireachd.
"Mar sin, ged nach eil e math gu bheil dàil air toiseach an t-seusain ùir, tha e mòran nas fheàrr na an t-seirbheis a bhith air a cur dheth buileach, agus tha sinn a' cur fàilte air an adhartas air leasachaidhean sàbhailteachd."
Thuirt an neach-labhairt gun robh an seòmar an dòchas a bhith ag obair còmhla ri WCR tron t-seusan a tha romhainn agus na bliadhnaichean ri teachd.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh3 An t-Sultain 2025
