Fear an greim an dèidh grunn air an gluasad às an dachaighean an Inbhir Nis

Rathad MhicAoidh, Inbhir NisTùs an deilbh, Google Maps
  • Air fhoillseachadh

Chaidh casaid air fireannach, 61, an dèidh tachartas a dh'fhàg gun deach daoine a ghluasad a-mach à grunn thogalaichean is dachaighean ann an sgìre Bhail' a' Chnuic de dh'Inbhir Nis oidhche Chiadain.

Dhùin na Poilis Rathad MhicAoidh eadar Bun-sgoil a' Challtainn agus Rathad a' Challtainn aig 7:00f Diciadain, agus dragh air na h-ùghdarrasan mu neach.

Dh'fhosgail an rathad a-rithist mu 04:45m Diardaoin.

Tha dùil gun nochd an duine a tha fo chasaid air beulaibh Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Dihaoine 20mh den Ghearran 2026.

Trending Now