"Cha robh fios agam gun robh càil sam bith ceàrr"

Ceitidh Chaimbeul
LeMàiri Riddoch agus Eilidh NicLeòidBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha tè air an tàinig aillse muineal na machlaig a' brosnachadh dhaoine banachdach a tha a' lùghdachadh chùisean den ghalar a ghabhail an dèidh mar a sheall figearan nach eil na h-uimhir de dhaoine òga air an tuath ga faighinn 's a b' àbhaist.

Cha robh Ceitidh Chaimbeul ach 37 bliadhna de dh'aois nuair a fhuair i dearbhadh bho chionn dà bhliadhna.

Tha i ag ràdh nach robh comharran sam bith oirre agus "nach robh fios agam gun robh càil sam bith ceàrr".

Tha aillse muineal na machlaig gu math doirbh a dhearbhadh gus am bi e aig ìre mhairbhtich.

Thòisich banachdach an HPV a bhith air a tabhainn air chloinn-nighean an Alba sa chiad bhliadhna san àrd-sgoil ann an 2008.

Thòiseachar ga tabhainn air balaich cuideachd ann an 2019, leis gu bheil HPV (Human Papiloma Virus) dualtach aillse adhbharachadh ann am fir cuideachd.

Chan e a-màin gu bheil a' bhanachdach a' cur dìon air daoine òga bho HPV, cuiridh e dìon cuideachd orra bho sheòrsaichean eile de dh'aillse a bhios am bhìoras ag adhbharachadh.

Ach cha robh an sgeama a' dol nuair a bha Ceitidh san sgoil agus tha i a' brosnachadh phàrantan agus daoine òga a' bhanachdach a ghabhail.

"Chan eil e a' toirt buaidh sam bith air daoine aig an àm a tha iad air sin fhaighinn, ach airson an àm ri teachd tha e cho cudromach," thuirt i.

Nighean-sgoile a' faighinn in-steallaidhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thòisich clann-nighean a' faighinn na banachdaich san àrd-sgoil ann an 2008

Sheall sgrùdadh ùr a rinn Slàinte Phoblach na h-Alba nach deach cùis sam bith de dh'aillse muineal na machlaig fhaighinn ann am boireannach sam bith a fhuair a' bhanachdach aig aois 12 no 13.

Ach a rèir àireamhan eile aca, thàinig lùghdachadh beag anns na ghabh a' bhanachdach gu nàiseanta thar nam bliadhnaichean.

A bharrachd air sin, tha am BPA Làbarach airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Rhoda Ghrannd, ag ràdh gun robh na fhuair a' bhanachdach aig tuath "mòran na b' ìsle na an ìre sa bhitheantas an Alba".

Thuirt i: "'S dòcha, leis gu bheil sgrionadh banachdaich air a bhith cho soirbheachail roimhe nach eil sinn ga fhaicinn san aon dòigh tuilleadh, 's tha daoine 's dòcha a' fàs rud beag coma co-dhiù mu dheidhinn.

"Ach cha dèan math dhuinn a bhith coma co-dhiù mu bheatha. Sàbhailidh seo beatha.

"Chuirinn ìmpidh air pàrantan agus daoine òga iad fhèin fiù 's dèanamh cinnteach, ma chaill iad e, ciamar a ghlacas iad suas."

Rhoda Ghrannd BPA
Fo-thiotal an deilbh,

Mhothaich Rhoda Ghrannd BPA gun robh figearan a' sealltainn gun robh na bu lugha chloinn-nighean ga gabhail air Ghàidhealtachd na ann an sgìrean eile

A rèir dàta Slàinte Phoblach na h-Alba, fhuair cha mhòr 76% de chloinn-sgoile air a' chiad bhliadhna san àrd-sgoil ann an sgìrean dùthchail nach eil gam meas iomallach a' bhanachdach an-uiridh.

Tha sin an taca ri dìreach 59% ann an àitichean a tha gam meas iomallach.

Sna h-Eileanan an Iar, thathas a' toirt a' chothroim do chloinn-sgoile nach d' fhuair a' bhanachdach sa chiad bhliadhna a faighinn anns na bliadhnaichean eile.

Tha Iseabail NicAonghais, Banaltram Slàinte a' Phobaill le Bòrd Slàinte nan Eilean Siar, ag ràdh gu bheil am poileasaidh sin air "togail suas nan àireamhan".

"Tha mi a' faicinn ann an 2024/25 ann an S4 bha 93% uptake againn, còrr is 80% airson S2 agus S3 agus 78% ann an S1," mhìnich i.

Tha Iseabail ag ràdh gun do thòisich iad a-rithist a dhol a-steach dha na sgoiltean gu cunbhalach a mhìneachadh buannachdan na banachdaich cleas mar a rinn iad nuair a thòisich prògram na banachdaich.

Iseabail NicAonghais, Banaltram Slàinte a' Phobaill le Bòrd Slàinte nan Eilean Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Iseabail NicAonghais gun do thòisich iad a dhol a-steach do na sgoiltean sna h-Eileanan an Iar a-rithist airson innse don chloinn mun bhanachdaich

B' fheudar Ceitidh Chaimbeul trì cùrsaichean de cheimeo-theiripe fhaighinn an dèidh opairèisean a bith aice.

Tha i airson agus nach bi aig daoine eile ri dhol tro na dh'fhiosraich i fhèin agus a teaghlach agus gun gabh daoine an cothrom a' bhanachdach fhaighinn.

"Gu mì-fhortanach, cha robh i ann nuair a bha mise aig na bliadhnaichean sin san sgoil.

"Tha e gu math pearsanta agus tha mi cho mòr airson agus gum bi daoine ga faighinn," thuirt i.

Thuirt Ministear Slàinte a' Phobaill aig Riaghaltas na h-Alba, Jenni Minto, gun tug iad taic-airgid don bhuidhinn YouthLink Alba a nì rannsachadh gus tuigse nas fheàrr fhaighinn mu carson a tha daoine òga gun a' bhanachdach fhaighinn.

Tha e na phrìomhachas dhaibh, thuirt i, gum biodh an dearbh chothrom aig daoine òga banachdaichean a ghabhail ge b' i càite a bheil iad a' fuireach.

Trending Now