Cothroman "seanchais agus sòisealta" an cois Ionad Eilean na h-Òige

Ro-shealladh air coltas Ionad Eilean na h-ÒigeTùs an deilbh, BARD
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar an-dràsta a' feuchainn ris a' mhaoineachadh a bhios a dhìth airson am pròiseact a thoirt gu buil a lorg

  • Air fhoillseachadh

Tha an obair aig Comann Eachdraidh Èirisgeidh, taobh a-muigh (CEE) seann bhun-sgoil an eilein a chur air ais aig cridhe na coimhearsnachd uair eile a' dol gu math.

Bidh Ionad Eilean na h-Òige na àite cruinneachaidh do luchd-còmhnaidh agus na ionad dualchais a' mìneachadh agus a' taisbeanadh eachdraidh an eilein.

Nam measg, 's e mar a chuir Teàrlach Òg Stiùbhart cas air tìr an Alba an toiseach agus sgeulachd Whisky Galore stèidhichte air tubaist an SS Politician cho math ri eachdraidh a' phobaill tro na fuadaichean, obair iasgaich agus croitearachd.

Cosgaidh Ìre Dhà den obair leasachaidh air làrach na bun-sgoile £1.2m agus fhuair CEE taic bho Mhaoin nan Eilean, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Urras Leasachaidh nan Eilean Siar agus Bunait Garfield Weston.

Cothrom do dhaoine air "seanchas agus tachartasan sòisealta"

A bharrachd air an sin, tha a' bhuidheann dìreach an dèidh grant £20,000 fhaighinn bho NHS nan Eilean Siar a dh'ionnsaigh na chosgas taigh-nigheadaireachd agus ceithir aonadan-còmhnaidh a bhios a' freagairt air seann daoine neo ciorramaich.

Tha Cathraiche CEE, Sandra NicAonghais, ag ràdh gu bheil iad airson àite a chruthachadh far an urrainn daoine nas sine gu h-àraid "na sgilean beatha aca a thoirt seachad, tro sheiseanan seanchais agus tachartasan sòisealta".

Thuirt i: "Tha mòran dhaoine airson tighinn neo tilleadh dhachaigh a dh'Èirisgeigh ach nach urrainn leis gu bheil ball teaghlaich le ciorram.

"Bidh an t-aonad-còmhnaidh a' leigeil le seann daoine, daoine le trioblaidean gluasaid nam measg, a bhith a' fuireach san eilean le càirdean neo luchd-cùraim agus pàirt a ghabhail ann an tachartasan cultarail agus coimhearsnachd."

Coilleag a' PhrionnsaTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Coilleag a' Phrionnsa far an tàinig Teàrlach Òg Stiùbhart air tìr an Alba

Cheannaich CEE an t-seann sgoil, a thogadh ann an 1870, ann an 2021 agus mar-thà tha iad air taigh-tasgaidh, cafe, seòmar tasglainn agus leabharlann beag a stèidheachadh ann.

Tha iad a-nis a' feuchainn ri airgead a thogail airson Ìre a Trì den phròiseact far an tèid a' chuid as motha den obair a dhèanamh - a' cur ris an t-seann sgoil agus a' ceangal dà thogalach eachdraidheil.

Tha iad ag ràdh gum bi iad a' toirt cothrom don choimhearsnachd ann an Èirisgeigh agus daoine air tìr-mòr cur ris an oidhirp aca airgead a thional.

Trending Now