Dragh mu mhaoineachadh do Bhuidhnean-Taice nam Ban air a' Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Tha ceithir Buidhnean-taice nam Ban le dragh gu bheil ath-sgrùdadh Comhairle na Gàidhealtachd air maoineachadh a' cur sheirbheisean ann an cunnart.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd an-dràsta a' sgrùdadh chùmhnantan nam buidhnean an Inbhir Nis, Loch Abar, Ros an Iar is an t-Eilean Sgitheanach agus Cataibh is Gallaibh
Tha an t-ùghdarras ionadail a' beachdachadh air modail ùr far am biodh aon bhuidheann aig an stiùir a dh’fhaodadh cuideachd taic a chumail ri fir a tha a' fulang droch-dhìol teaghlachail.
Tha na ceithir buidhneann-taice a' cur ìmpidh air a' Chomhairle gun a dhol air adhart leis a' mholadh agus iomagain orra gun dèanadh e cron air na seirbheisean do bhoireannaich is clann a dh'fheumas taic.
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach deach co-dhùnadh a dhèanamh fhathast, agus gu bheil iad ag amas air piseach a thoirt air seirbheisean air feadh na sgìre.

Tha na seirbheisean aca air a' Ghàidhealtachd a' cumail taic ri còrr air 1,000 boireannach agus 250 pàiste agus daoine òga a h-uile bliadhna, a rèir nam buidhnean-taice.
Tha iad ag ràdh gu bheil dìth ionmhais a' ciallachadh gu bheil iad mu thràth a' strì gus "seirbheis riatanach a dh'fhaodadh beathannan a shàbhaladh" a thoirt seachad.
Thug iad rabhadh gu bheil cunnart ann gum bi aca ri dhùnadh às aonais maoineachaidh shònraichte airson gach seirbheis sgìreil.
Thuirt iad cuideachd gum feum àitichean a bhith ann far nach eil fir ceadaichte do bhoireannaich agus clann a dh'fhuiling dochann is droch-dhìol aig làmhan fhireannach.
Thuirt Eilidh Ros bho Bhuidheann-taice nam Ban an Inbhir Nis: "'S e boireannaich as motha a tha a' fulang dochann san dachaigh, agus 's e fir a th' anns a' chuid as motha as coireach ris an eucoir.
"Ged a chuireamaid fàilte air seirbheisean fa leth do dh'fhir ma tha sin a dhìth, chan eil sinn den bheachd gum bu chòir an t-iarrtas sin buaidh a thoirt air na seirbheisean a th' ann do bhoireannaich, clann agus daoine òga," thuirt i.
'piseach a thoirt air seirbheisean'
Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil e mar amas dhaibh leasachadh a thoirt air seirbheisean dhaibhsan a dh'fhuiling dochann san dachaigh air feadh na sgìre.
Mar sin, tha iad airson sùil a thoirt air an gabh na seirbheisean sin a thoirt seachad le aon bhuidheann a bhios an urra riutha.
Thuirt iad nach do rinn iad co-dhùnadh fhathast agus gu bheil iad ag aithneachadh nan draghan a nochd buidhnean-taice ionadail nam ban.