Cothrom don òigridh a bhith a' tarraing air an aon ràmh

Tha Hannah ag ràdh gu bheil i toilichte gu bheil barrachd dhaoine òga a' nochdadh ùidh san spòrs
- Air fhoillseachadh
Tha Cluba Iomraidh Inbhir Nis, taobh a-muigh air £30,000 fhaighinn bhon Chrannchur Nàiseanta airson na goireasan aca air a' Chanàl Chailleannach a leasachadh.
Tha iad cuideachd airson barrachd dhaoine òga a thàladh dhan spòrs, agus tha iad ag obair còmhla ri Poileas Alba airson cothrom a thoirt do dh'eucoirich òga a dhol an sàs ann.
Mhìnich an ràmhadair òg, Hannah: "Tha mu 50 duine-cloinne air a bhith a' tighinn a-steach agus tha e dìreach sgoinneil oir tha mi gu math toilichte nuair a tha tòrr a bharrachd dhaoine ann."
Tha an cluba cuideachd am beachd cur ris an taigh-bhàta cho math ri barrachd shoithichean agus uidheamachd a cheannach.

Thuirt Raibeart Gòrdan gum bi prògram aca a dh'aithghearr fom faigh eucoirich òga cothrom air na ràimh
Chaidh an cluba a stèidheachadh ann an 1988. Ghluais iad dhan taigh-bhàta aca deas air Drochaid Thom na h-Iùbhraich ann an 1992 nuair a bha 30 ball aca.
An-diugh tha 200 ball aca agus an tha an àireamh sin a' sìor dhol an-àirde.
Tha piseach mòr air tighinn air na goireasan sna beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh nuair nach robh fiù 's dealan aca.
Cha mhotha a bha an cliù a th' aig a' chluba an-diugh san sgìre.
"Bha sinn gu mòr airson a chur air adhart," mhìnich Raibeart Gòrdan a th' air a bhith na bhall airson ùine mhòir.
"Leis a' phrògram leasachaidh far an d' fhuair sinn airgead poblach tro Spòrs Alba agus bho Mhaoin a' Mhaith Choitchinn aig Inbhir Nis bha sinn airson rudeigin a thoirt air ais don choimhearsnachd.
"Tha sinn ag obair le luchd-cùraim òga, clann a tha fo chùram na Comhairle, luchd-siridh comraich òga agus tha sinn gus prògram a chur air bhonn le Poileas Alba ag obair le eucoirich òga."
Uile gu leir, thug SpòrsAlba còrr £700,000 seachad gu seachd pròiseactan air feadh na dùthcha airson goireasan a leasachadh.

Thèid barrachd shoithichean a cheannach leis a' mhaoineachadh ùr agus togaidh iad pontùnaichean ùra cuideachd