Stòras Uibhist: A' dol air adhart còmhla?

- Air fhoillseachadh
'S beag fios a bh' ann aig an àm, ach 's dòcha gun robh e na shamhla gun robh stoirm ann an là a thàinig Oighreachd Uibhist a Deas fo shealbh na coimhearsnachd.
Bha aiseagan nan tàmh is sgoiltean dùinte air feadh Uibhist air Là Naomh Anndra 2006.
Bha na h-Uibhistich an ìre mhath coma. Às dèidh strì mhòir is iomairt fhada, bha am fearann nan làmhan fhèin aig cosgais £4.5m.
'S e aig an àm an oighreachd as motha ann an Alba a chaidh a cheannach leis a' choimhearsnachd.
Rinn sluagh mòr ann an Talla a Chinn Deas gàirdeachas nuair a chaidh na pàipearan a shoidhnigeadh gu h-oifigeil.
Cha robh mòran cho eòlach air suidheachadh Uibhist ri Maighstir Calum MacGillFhialain nach maireann, is e air a' choimhearsnachd aige a fhrithealadh fad iomadh bliadhna an dà chuid mar shagart is comhairliche.
"Tha dòchas mòr agamsa," dh'innis Mgr Calum dha BBC Radio nan Gàidheal air an là sin ann an 2006.
"Bha sinn a-riamh ag ràdh gun robh barrachd fios againne dè dh'fheumas sinn a dhèanamh 'son mathas nan eilean againn fhìn, nan leigeadh daoine leinn is nam biodh airgead againn.
"A-nise tha e an urra rinn fhìn agus 's ann againn fhìn a tha e ri dhèanamh."

Bha Maighstir Calum MacGillFhialain am measg na bha gu math dòchasach nuair a ghabh Stòras Uibhist smachd air an fhearann ann an 2006
Bha Mgr Calum mothachail gun robh uallach a' tighinn an cois nan cothroman ùra a bh' ann cuideachd, puing a chuir e an cèill gu làidir.
"Mura h-obraich seo, tha na h-eileanan ullamh," thuirt e.
Bha teachdaireachd a cheart cho puingeil aig Alasdair Moireasdan, am BPA ionadail aig an àm.
"An-diugh 's iad a' choimhearsnachd an t-uachdaran agus leis an urram sin a tha air a bhuileachadh orra, tha cuideachd dleastanas," thuirt e ann an Talla a' Chinn a Deas.
"Madainn a-màireach tha an obair a' tòiseachadh."
Thòisich an obair is chaidh gu leòr a choileanadh.
Raon goilf Asgairnis a thoirt beò às ùr, mar eisimpleir, tuath-gaoithe coimhearsnachd a stèidheachadh, marina ùr ann an Loch Baghasdail, pròiseact a tha a' leantainn airson tèirmineil ùr aiseig a thogail, a thuilleadh air seirbheis-aiseig a thilleadh eadar Malaig is Loch Baghasdail - rud a bha a' choimhearsnachd air a bhith a' sireadh bho chionn fhada.
Ged nach eil an t-seirbheis sin fhathast idir aig ìre, 's e guth na coimhearsnachd a thug e gu buil.
'S e cuideachd guth na coimhearsnachd a tha air cuideam a chumail air CalMac is Riaghaltas na h-Alba gus leasachadh a thoirt air is gealltanas a-nise ann air aiseag ùr.

Ach chan eil cùisean an-còmhnaidh air a bhith rèidh.
'S dòcha gu bheil sin nàdarra gu leòr: chan eil coimhearsnachd ann far nach eil diofar bheachdan ann agus uaireannan beagan aimhreit.
Chan eil, ag innse na fìrinn, Stòras Uibhist air a bhith ro fhada bho chonnspaid aig diofar amannan thairis air na bliadhnaichean, a dh'aindeoin nan leasachaidhean a tha iad air dèanamh.
Tha cuid den bheachd nach eil structar is dòighean-obrach na buidhne air cuideachadh a thaobh seo is gu bheil feum air ùrachadh.
Riaghladh uachdaran coimhearsnachd Uibhist "dìreach uabhasach"
- Air fhoillseachadh6 An t-Samhain 2025
"Iomagain mhòr" air ceannard CnES mu Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadh11 An Gearran
Crathadh ann no às, bha e chun nam mìosan mu dheireadh co-dhiù comasach gu leòr do Stòras Uibhist an obair làitheil riatanach aca a dhèanamh.
Dh'fhalbh siud is thàinig seo: dreuchdan cudromach bàn, aithisgean a thog air riaghladh "dìreach uabhasach" is casaidean de bhurraidheachd is mì-thuigse mu dhleastanasan, tuath-gaoithe gun àrachas is na thàmh, cunntasan air dheireadh.
Tha sin a thuilleadh air diofar phàirtean den bhuidhinn a bhith a' slàraigeadh air a chèile gu poblach bho dhà champa nach urrainn obrachadh còmhla.
Fhuair tè de na h-aithisgean gun robh am buaireadh air "cron nach gabhadh tomhas" a dhèanamh air cliù Stòras Uibhist.
A bharrachd, 's dòcha, air cliù prionnsabal uachdranais choimhearsnachd san fharsaingeachd.

Tha seo uile a' fàgail gum bi muinntir Uibhist a Deas air ais ann an Talla a' Chinn a Deas oidhche Dhiardaoin seo tighinn.
Chan e gàirdeachas a tha fa-near dhaibh an turas seo, 's mòr am beud, ach coinneamh èiginn mun staing a tha air Stòras Uibhist fhàgail aig oir na creige is ceist mhòr ann mu sheasmhachd na buidhne.
Air beulaibh na ballrachd tha gluasad a tha ag ràdh gu bheil feum air "tòiseachadh às ùr" le atharrachadh bunaiteach a thoirt air structar is cultar na buidhne.
Mar phàirt dheth, sheasadh gach stiùiriche sìos is rachadh bòrd eadar-amail nan àite gus gnothaichean a stiùireadh gus am biodh AGM ann.
Chaidh ceathrar den t-sianar stiùirichean ùra a tha san amharc a chur air a' bhòrd mar-thà an t-seachdain seo chaidh.
EGM Stòras Uibhist aig deireadh a' Ghiblein
- Air fhoillseachadh16 An Giblean
Stiùirichean ùra aig Stòras Uibhist
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
Bhon taobh a-muigh co-dhiù - agus ge b' i dè dìreach an t-slighe a thaghas na daoine - tha coltas ann gu bheil toiseach-tòiseachaidh ùr deatamach.
Chan eil cùisean cho sìmplidh sin ann an saoghal Stòras Uibhist ge-tà. Tha ceistean mòra ann fhathast a bheil gach stiùiriche faisg air a bhith air an aon ràmh mun t-slighe air adhart, eil iad dha-rìribh deònach coiseachd air falbh, eil iad uile airson leigeil leis an EGM a dhol air adhart idir, a thuilleadh air am faigh an gluasad fhèin taic gu leòr ma thèid.
'S e a tha cinnteach, tha fhios, gum bi Deasaich airson cuimhneachadh air na thuirt Maighstir Calum air ais an 2006.
Mu cho dòchasach 's a bha e. Mun chinnt a bh' aige nach robh daoine idir ann cho math riutha fhèin airson na gnothaichean aca fhèin a stiùireadh.
Agus mun rabhadh a bh' aige cuideachd: mura biodh seo ag obair do dh'Uibhist a Deas, dè idir a dh'obraicheadh?

'S dòcha gum bu chòir cuimhneachadh cuideachd air Là Naomh Anndra 2006 fhèin.
Oir a dh'aindeoin nan sgòthan dorcha is gèiltean a bh' ann an là ud, shocraich an aimsir airson leigeil leis na daoine an ceum eachdraidheil a chomharrachadh le dannsaichean is teintean aig gach ceann den oighreachd.
Nam measg bha Niall Dòmhnallach ann an Èirisgeigh.
"Tha iomadach bliadhna bho thàinig a' chiad dhaoine an seo is bha iad air am fuadachadh bho eileanan eile," dh'innis Niall dha Radio nan Gàidheal is e a' seasamh an tac an teine.
"Tha mi cinnteach nam biodh iad an seo an-diugh gum biodh iad air an dòigh.
"An dèidh an là robach a bh' againn tha sinn dìreach toilichte gu bheil deagh fheasgar againn is tha an teine a' dol gu math."
Blàths, gàirdeachas is dòchas às dèidh na stoirme: 20 bliadhna bhon uairsin, bithear an dòchas gur e samhla a tha sin cuideachd.