"An dùbhlan as motha san lìog" ro Ross County Disathairne

Manaidsear Ross County, Stuart KettlewellTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

Thuirt manaidsear Ross County, Stuart Kettlewell, gu bheil an dùbhlan as cruaidhe san lìog mun coinneimh Disathairne nuair a thèid iad an aghaidh St Johnstone ann am Peairt.

Tha na Saints an-dràsta aig bàrr na lìge le County san dàrna àite far a' bhonn às dèidh dhaibh sreap os cionn na h-Àrd-Ruighe leis a' phuing a fhuair iad an aghaidh Obar Bhrothaig an t-seachdain a chaidh.

'S e togail a bh' ann an sin is tha fhios gun d' fhuair am manaidsear spionnadh an t-seachdain seo cuideachd às dèidh dha bhith air ainmeachadh mar mhanaidsear na mìos airson a' Ghearrain.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr sgiobaidhean a' cluich gu math an-dràsta, ach nuair a thèid thu chun na sgioba a th' aig bàrr na lìge, a tha a' cluich fìor mhath, a' sgòrradh is a' cumail thadhal a-mach, tha dùbhlan mu ar coinneimh ach 's e dùbhlan a th' ann ris a bheil sinn a' dèanamh fiughar," thuirt Kettlwell.

Thog Kettlwell cuideachd air cho teann is a tha an lìog is an diofar a dhèanadh e nam faigheadh sgioba air sreath de gheamaichean a bhuannachadh.

"Ma 's urrainn do sgioba dhà, trì, ceithir geamaichean a bhuannachadh ann an sreath tha e ag atharrachadh na lìge cho mòr.

"Cuid de lìogan chan eil sin a' tachairt. Ged a bhuannaicheadh sgioba sreath de gheamaichean chan eil iad a' gluasad cus.

"Ach anns an Championship, ma gheibh sgioba sreath den t-seòrsa sin a' dol, dhèanadh e diofar mòr," thuirt e.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte

Trending Now