Cairistìona Primrose MBE "na tosgaire cudromach airson cànan is cultar na Gàidhlig"

Cairistìona Primrose Tùs an deilbh, SABHAL MÒR OSTAIG
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cairistìona Primrose air a bhith a' teagasg òrain na Gàidhlig airson còrr math is 40 bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Chaidh an seinneadair Cairistìona Primrose MBE a chur air adhart airson duais a tha ag aithneachadh a cuid obrach mar neach-teagaisg òrain Ghàidhlig airson còrr is 40 bliadhna.

Thòisich i aig Sabhal Mòr Ostaig (SMO) mar neach-taice ann an 1982 agus tha i an-diugh na Ceannard Òrain na Gàidhlig ann.

Ann am brath-naidheachd, dh'innis a' cholaiste an ceann a deas an Eilein Sgitheanaich gu bheil i air Geàrr-liosta Duaisean Foghlaim an Herald.

Thuirt SMO gur i "Cairistìona aon de na seinneadairean Gàidhlig as fheàrr ann an Alba agus i na tosgaire cudromach airson cànan is cultar na Gàidhlig ann an Alba agus thall thairis".

Baile na Cille Bige Tùs an deilbh, SABHAL MÒR OSTAIG
Fo-thiotal an deilbh,

Tha taighean ri fhaotainn air màl neo airson an ceannach, uile aig prìs reusanta, am Baile na Cille Bige

Cuideachd sa chuairt dheireannaich de dhuaisean an Herald agus san roinn Sàr Obair anns a' Choimhearsnachd tha Baile na Cille Bige, sgeama taigheadais an t-Sabhail Mhòir aig prìs reusanta.

Air a thogail an com-pàirteachas le Comhairle na Gàidhealtachd, Urras Taigheadais Coimhearsnachd agus an Roinn Phrìobhaideach, 's e a' chiad bhaile ùr anns an Eilean Sgitheanach ann an còrr is 100 bliadhna.

Thuirt a' cholaiste: "B' e amas a' phròiseict coimhearsnachd dhùthchail ùr, shunndach, sheasmhach agus ghnìomhach a thaobh eaconamaidh a chruthachadh, leis a' Ghàidhlig aig cridhe na h-obrach."

Thèid ainmeachadh cò a rinn a' chùis sna duaisean aig cuirm ann an Glaschu air an 20mh den Chèitean.

Trending Now