Plana 'son tuath-gaoithe poblach an Leòdhas a' gluasad air adhart

Crainn-gaoithe air mòinteachTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann air monadh mar seo a thathar airson an tuath-gaoithe coimhearsnachd a thogail an ceann a tuath Leòdhais

  • Air fhoillseachadh

Tha trì uachdarain phoblach ann an Leòdhas ag obrachadh còmhla airson tuath-gaoithe a thogail air mòinteach Bharabhais a bhios na bhuannachd do na coimhearsnachdan aca, tha iad ag ràdh.

Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn, Urras Oighreachd Bharabhais agus Urras Oighreachd Chàrlabhaigh ag obair fon bhrataich Cumhachd Coimhearsnachd an Taobh Siar.

Ma shoirbhicheas leotha leis a' phròiseact 's e an tuath-gaoithe as motha fo smachd coimhearsnachd a bhios ann am Breatainn.

Mòinteach Bharabhais
Fo-thiotal an deilbh,

'S ann am meadhan mòintich Bharabhais a thathar airson na crainn-gaoithe a chur suas

Tha dùil gum biodh naoi crainn-gaoithe 110m de dh'àirde air an làraich am meadhan na mòintich a bhios comasach air 43MW de chumhachd a chruthachadh.

Tha connspaid a' cuairteachadh plana na companaidh prìobhaidich, Northland Power, airson tuath-gaoithe mòr aig muir far chosta siar Leòdhais.

Thuirt Niall MacFhionghain, Manaidsear Leasachaidh Urras Oighreachd Ghabhsainn, gun do sheall conaltradh a rinn iad air an leasachadh a tha san amharc acasan gu bheil na "coimhearsnachdan ag aithneachadh gum bi prothaidean ann airson an àite, airson na daoine ann an seo".

Coinneach MacIllinnein
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Coinneach MacIllinnein bho Urras Chàrlabhaigh an dòchas gum faic an sluagh gum faigh iad buananchd às a' phròiseact

Thuirt Coinneach MacIllinnein, ball de dh'Urras Oighreachd Chàrlabhaigh: "Tha min dòchas gum faic daoine gur e seo pròiseact coimhearsnachd aig am bi buannachd aig a' choimhearsnachd às aig deireadh an là."

'S e Urras Oighreachd Ghabhsainn an aon uachdaran poblach an-dràsta aig a bheil teachd a-steach neo-eisimeileach bho sgeama cumhachd ath-nuadhachail.

Tha seo a' fàgail gun urrainn dhaibh cosnadh a chumail ri 15 luchd-obrach agus maoineachadh a thoirt do phròiseactan ionadail.

Leis an eòlas a th' aca 's e Urras Oighreachd Ghabhsainn a tha os cionn a' phròiseict.

Niall MacFhionghain bho Urras Oighreachd Ghabhsainn
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Niall MacFhionghain gu bheil iad an dòchas stiùireadh fhaighinn bho GB Energy aon uair agus gun tèid a' bhuidheann phoblach ùr a stèidheachadh

Thuirt Niall MacFhionghain gu bheil iad a' feitheamh gus am fosgail stòras ùr Riaghaltas na h-Alba airson cur a-steach airson an còrr maoineachaidh an dèidh taic-airgid fhaighinn an-uiridh airson am pròiseact a thoirt air adhart.

"An-dràsta, tha cùisean a' tòiseachadh agus a' stad, agus a' tòiseachadh agus a' stad a-rithist agus chan eil sin cho math.

Fo-thiotal a’ bhidio,

"Tha dùil againn cuideachadh fhaighinn bho GB Energy ach cha do thòisich iad fhathast air an obair aca," mhìnich e.

'S e Great British Energy buidheann phoblach ùr a gheall na Làbaraich airson taic a chumail ri pròiseactan cumhachd uaine.

Chan eil fios le cinnt dè chosgas am pròiseact ach thathar a' tomhas gum bi e eadar £50m agus £100m.

Mapa a' sealltainn far am biodh an tuath-gaoithe coimhearsnachd Tùs an deilbh, Cumhachd Coimhearsnachd an Taobh Siar
Fo-thiotal an deilbh,

Tha am mapa a' sealltainn far am biodh an tuath-gaoithe coimhearsnachd

Tha aonta aca bho SSEN airson dealan a thèid a chruthachadh san leasachadh ùr a cheangal ris a' Ghriod Nàiseanta agus a chur air falbh gu margaidhean tìr-mòr.

Tha dùil gun tachair sin san Dàmhair 2033.

San eadar-ama tha am pròiseact fhathast a' crochadh air maoineachadh agus dearbhadh fhaighinn bho na diofar bhuidhnean aig a bheil gnothach ris mus bi fios le cinnt am faigh aca air a thoirt gu buil.

Trending Now