Binn prìosain air fear a dh'èignich boireannach na leabaidh ospadail

Chaidh John Dodd a chur dhan phrìosan airson 13 bliadhna aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a bha uair na stiùiriche companaidh a chur dhan phrìosan airson 13 bliadhna an dèidh dha boireannach èigneachadh ann an leabaidh ospadail agus airson sreath ionnsaighean feiseil agus droch-dhìol air dithis bhoireannach air a' Ghàidhealtachd.
Thug John Dodd, 41, grunn ionnsaighean, èigneachadh nam measg, air na boireannaich eadar 2004 agus 2022 am Baile Dhubhthaich, Alanais, Inbhir Nis agus sa Chlais Mhòr.
Fhuaireadh ciontach e aig an Àrd-chùirt ann an Dùn Èideann de 14 casaidean de dhroch-dhìol feiseil agus fòirneartach an aghaidh nam boireannach.
Thuirt am britheamh Tormod MacPhàidein KC ri Dodd gun robh e "cha mhòr do-chreidsinneach" gun do dh'èignich e a' chiad bhoireannach nuair a bha "i ann an leabaidh ospadail, tinn agus leatromach".
Thuirt e nach robh Dodd, a tha ag ràdh gu bheil e neo-chiontach, air co-fhaireachdainn a nochdadh dha na boireannaich ach gun robh e air a' choire a chur orrasan.

Thug Dodd ionnsaigh air tè de na boireannaich nuair a bha i na h-euslainteach an Ospadal an Rathaig Mhòir
Thug Dodd, às a' Chlais Mhòir, faisg air Dòrnach, ionnsaigh air a' chiad bhoireananch aig taigh ann an Cataibh a dh'fhàg gun do bhuail i a ceann agus gun do thuit i chun an làir.
Dh'èignich e am boireannach grunn thursan aig taigh ann an Alanais, uaireannan nuair a bha i na cadal, eadar am Màrt 2006 agus an Cèitean an ath-bhliadhna.
Sa Chèitean 2006, thug e ionnsaigh oirre nuair a bha i ann an Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.
Bha Dodd ri droch-dhìol air dàrna boireannach eadar 2021 agus 2023 aig diofar àitichean air a' Ghàidhealtachd.
Bhiodh e ag èigheachd oirre agus ri dol a-mach ionnsaigheach, bhiodh e a' cumail smachd air na chuireadh i uime, air conaltradh le a càirdean agus a caraidean, far an rachadh i agus mar a chleachdadh i am fòn-làimhe aice.
San Dùbhlachd 2021, chuir e dealbh de a bhod ann an Ospadal an Rathaig Mhòir don bhoireannach.
"Casaidean trom-chùiseach"
Dh'innis an neach-lagha dìon aige, Louis Bendle, don chùirt: "Ged a tha e a' dol às àicheadh gun do rinn e càil ceàrr tha e gu math mothachail gu bheil na casaidean trom-chùiseach agus nach eil teagamh ann gum faigh e prìosan.
"Tha e ag ràdh fhathast nach eil e ciontach, rud nach eil neo-àbhaistaech ann an cùisean mar seo.
"Tha beatha shòisealta air a bhith aige, le teaghlach agus caraidean a tha taiceil."
Bha Dodd, a chaidh a chumail sa phrìosan an dèidh crìoch na cùise-lagha, a' leantainn toirt seachad na binne tro cheangal-bhideò.
Chuir am britheamh casg air bho bhith a' conaltradh ris an luchd-fhulaing, agus chaidh a chur air clàr nan drabaistearan gun cheann-ùine.