Dìth luchd-cùraim dalta agus uchd-mhacach sna h-Eileanan an Iar

Dèideag bhog de rabaidTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ìmpidh air Comhairle nan Eilean Siar dèanamh cinnteach gu bheil luchd-cùraim gu leòr do chloinn a tha feumach air daltachd neo uchd-mhacachd

  • Air fhoillseachadh

Fhuair Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim nach eil gu leòr dhaghaichean dalta do chloinn is daoine òga sna h-Eileanan an Iar agus gum feum e a bhith na "phrìomhachas" do Chomhairle nan Eilean Siar luchd-cùraim fhastadh agus a ghlèidheadh.

Rinneadh sgrùdadh air seirbheisean daltachd, uchd-mhacachd agus cùraim leantainnich an ùghdarrais ionadail feuch dè an t-adhartas a bh' ann an dèidh aithisg an luchd-sgrùdaidh nas tràithe air a' bhliadhna.

Fhuair an aithisg aca gu bheil "dùbhlain a thaobh luchd-obrach" air "bacadh" a chur air oidhirpean na seirbheisean a leasachadh.

Thug an luchd-sgrùdaidh iomradh air "suidheachaidhean far an robh dìth taice agus stiùiridh a' fàgail gum faodadh duilgheadasan a bhith aig dachaighean daltachd", a' cur "uallaich mhòir" air luchd-cùraim.

Ge-tà, rinn an luchd-sgrùdaidh moladh air na "ceanglaichean maireannach a bha luchd-cùraim a' cumail le cloinn air uchd-macachd agus an teaghlaichean".

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil "obair cho-òrdanaichte a' dol air adhart a thaobh leasachaidh".

Làmhan inbhich a' cumail làmhan pàiste sa bheil cridhe cruaidh deargTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha moladh ann airson nan dàimhean eadar luchd-cùraim, daoine òga agus na teaghlaichean breith aca

Tha aithisg an luchd-sgrùdaidh ag ràdh gu bheil barrachd dhaoine a-nis ag obair anns na trì seirbheisean le manaidsear ùr os an cionn.

Fhuair iad gun tàinig piseach air planaichean airson cùraim leantainnich, agus gun robh fios nas fheàrr aig daoine òga mu an cuid chòraichean.

Bha poileasaidh cuideachd an sàs, thuirt iad, airson taic a chumail ri daoine òga fuireach leis an luchd-chùraim dhalta seachad air aois 18.

Dh'aithnich iad gun robh "cleachdadh coibhneil stèidhichte air dàimhean blàth agus maireannach eadar an t-seirbheis, am pàiste, an teaghlach breith, an teaghlach dalta agus luchd-cùraim".

Thuirt neach-labhairt Comhairle nan Eilean Siar: "Obraichidh Comhairle nan Eilean Siar gu dlùth le Buidhinn-sgrùdaidh a' Chùraim airson an leasachadh seo a chur an gnìomh."

Tha Buidheann-sgrùdaidh a' Chùraim air na cinn-là a bh' aca airson nan leasachaidhean a bha fhathast a dhìth sna seirbheisean a chur air ais gu nas fhaide den bhliadhna.

Trending Now