Ceòl ùr bho Chaisteal Inbhir Nis

Caisteal Inbhir Nis
  • Air fhoillseachadh

Thèid ceòl ùr a chaidh a chumadh stèidhichte air ionad ùr turasachd Chaisteal Inbhir Nis a thaisbeanadh aig cuirm shònraichte aig Eden Court sa Mhàrt.

'S e cuirm aon oidhche a bhios ann an "Spiorad na Gàidhealtachd" agus cuid de na ceòladairean as aithnichte ann an Alba gu bhith nam pàirt dheth.

Chaidh Caisteal Inbhir Nis fhosgladh gu h-oifigeil mar ionad do luchd-turais Diluain, an dèidh obair leasachaidh luach £47m, 's an t-àite a-niste a' toirt cosnadh do chòrr air 100 duine.

Coimheadaidh a' chuirm ri eachdraidh Chaisteal Inbhir Nis agus mar a chaidh a leasachadh o chionn ghoirid.

Anna Massie
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Anna Massie an ceann Cèilidh a' Chaisteil mar phàirt den chuirm

Aig a chridhe, bidh pìos ùr ciùil air a bheil Abhainn, a rinneadh leis a' chumadair-chiùil Seumas Ros à Gallaibh, cuide ri Julie Fowlis agus an sgrìobhadair Cailean Dòmhnallach.

Chaidh am pìos a stèidheachadh air Grèis-bhrat na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a rinneadh le luchd-fuaigheil air feadh na sgìre 's a tha a-niste ga thaisbeanadh sa chaisteal.

Julie FowlisTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Julie Fowlis a' seinn anns a' chiad taisbeanadh phoblach de phìos chiùil ùr a rinn an cumadair Seumas Ros à Gallaibh

Bidh cuideachd cèilidh mar phàirt den chuirm, fo stiùir Anna Massie, le Gary Innes, Bruce MacGriogair, Lauren NicColla, Hamish Napier, Su-a Lee, Joseph Peach, Brian Ó hEadhra agus Fionnag NicChoinnich gu bhith a' nochdadh, a thuilleadh air aoighean sònraichte.

"Tha an consart seo a' toirt cothrom dhuinn an caisteal fhaicinn ann an dòigh gu tur eadar-dhealaichte - chan e tro thaisbeanadh no eadar-mhìneachadh, ach tro cheòl a rinn luchd-ealain a chuidich ann a bhith a' cumadh guth sònraichte a' chaisteil," thuirt seann stiùiriche cruthachail Chaisteal Inbhir Nis, Bryan Beattie, a tha air cùl a' chonsairt.

"'S e oidhche air leth a bhios ann, agus sàr-thaisbeanadh air tàlant ciùil na sgìre.

"Tha an luchd-ciùil a bhios ann sònraichte, agus bheir iad oirnn cuimhneachadh cho cudromach 's a tha ceòladairean na Gàidhealtachd ann an Alba."

Thèid Spiorad na Gàidhealtachd a chur air aig Eden Court ann an Inbhir Nis air an 31mh là den Mhàrt.

Trending Now