Caisteal Inbhir Nis fosgailte gu h-oifigeil

Caisteal Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,

Chosg an obair-leasachaidh a chaidh a dhèanamh air a' chaisteal £47m

  • Air fhoillseachadh

Chaidh Caisteal Inbhir Nis fhosgladh gu h-oifigeil an dèidh obair-leasachaidh a chosg £47m 'son a dhèanamh na ghoireas do luchd-turais.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun robh iad an dùil gun tigeadh mu 450,000 duine sa bhliadhna a thadhal air a' chaisteal, a bha roimhe air a chleachdadh mar chùirtean laghail.

Bha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba Ceit Fhoirbeis agus ministear Oifis na h-Alba, Kirsty NicNèill, an làthair aig a' chuirm airson an goireas fhosgladh gu h-oifigeil.

Thòisich an obair-leasachaidh ann an 2022, leis na cosgaisean air am pàigheadh le Riaghaltasan na Rìoghachd Aonaichte agus na h-Alba eatorra, a thuilleadh air Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Tha bàr agus àite-bìdh ann a-niste, a thuilleadh air taisbeanadh eadar-ghnìomhach a' sealltainn eachdraidh agus cultair na Gàidhealtachd, agus cosnadh na lùib do chòrr air 100 duine.

Caisteal Inbhir Nis ann an 1865Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an caisteal a chleachdadh mar chùirtean agus prìosan san 19mh Linn

Ghluais Seirbheis Chùirtean agus Tribunal na h-Alba a-mach às a' chaisteal ann an 2020 agus ionad ceartais ùr air fosgladh ann an sgìre an Longman sa bhaile.

Tha an làrach a-niste fo sgèith na buidhne High Life na Gàidhealtachd, às leth na Comhairle.

Chan e seo a' chiad chaisteal a th' air a bhith air an làraich, 's dùintean air a bhith ann fad iomadh linn, a' chiad fhear air a thogail ann an 1057.

B' ann air an làraich a bha a' chiad Dùn Deòrsa, a chaidh a ghabhail leis na Seumasaich an dèidh sèiste ann an 1746, 's a spreadhadh às a chèile. Chìthear pàirt de mhùr a' ghearasdain sin fhathast an lùib caisteal an là an-diugh.

Chaidh Dùn Deòrsa ùr a thogail faisg air Àird nan Saor goirid an dèidh sin, a' dùnadh Caolas na Cananaich do luingeas nan robh feum air.

Chaidh an togalach a th' ann a thogail ann am meadhan an19mh Linn air planaichean a rinn an t-ailtire Uilleam Burn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Trending Now