Goireas Gàidhlig ùr do chloinn le taic uilebheistean, burrasan agus ròbotan

- Air fhoillseachadh
Airson a' chiad turas a-riamh, tha sreath de gheamannan didseatach a-nis ri fhaotainn air-loidhne airson piseach a thoirt air ionnsachadh ann am matamataig sa Ghàidhlig.
Tha Stòrlann - am buidheann a bhios a cruthachadh agus a roinn a-mach goireasan foghlaim Gàidhlig air co-obrachadh còmhla ri Topmarks, taobh a-muigh - prìomh làrach neo-eisimeileach foghlaim - ann a bhith a' leasachadh sreath de gheamannan.
Tha ochd dhuibh rim fhaighinn an-dràsta agus thathar an dòchas gun lean barrachd dhuibh mar a thèid an ùine air adhart.
Am measg na tha a' nochdadh sna geamannan, taobh a-muigh, tha leithid luach àite, a' cur àireamhan ann an òrdugh, an uair, airgead, cunntadh agus cumaidhean.
Fhuair sgoilearan aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis cothrom na geamannan ùra a chleachdadh agus 's iad a chòrd riutha.

Tha na geamannan an-asgaidh agus thathar a' tomhas gum bi iad feumail an dà chuid do luchd-teagaisg agus do phàrantan, a thuilleadh air anns a' chlas.
Thuirt Sarah Fhriseal, Ceannard Foghlaim is Ionnsachaidh aig Stòrlann: "Tha Topmarks a' toirt cothrom do chloinn ionnsachadh air-loidhne, tro ghnìomhan sàbhailte agus inntinneach.
"Tha e mìorbhaileach gu bheil na goireasan inntinneach seo a-nis rim faotainn do sgoilearan ann am foghlam Gàidhlig."
Thuirt i gur ann air ceann shìos na bun-sgoile a tha na geamannan ag amas agus cho feumail 's a tha goireasan didseatach ann a bhith a' teagasg àireamhachd - rud air an do thog Luchd-sgrùdaidh an Fhoghlaim.
Dh'innis a' Bh. P. Fhriseal cuideachd gum bheil Stòrlann airson àireamhachd a neartachadh.

Sarah Fhriseal, Ceannard Foghlaim is Ionnsachaidh aig Stòrlann
Thuirt Rùnaire an Fhoghlaim Jenny Gilruth:"'S e fìor dheagh ghoireas a tha seo a tha a' cur ri goireasan teagaisg agus bheir e taic do ionnsachadh matamataig ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgoiltean na h-Alba.
"Tha mi cinnteach gun neartaich na stuthan seo ìre teagaisg na Gàidhlig agus gum bi iad an dà chuid làn spòrs agus fiosrachail do luchd-teagaisg agus do dhaoine òga anns na clasaichean."
Thuirt an Rùnaire cuideachd gun robh an riaghaltas fhathast gu mòr a' taiceachadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig dhaibhsan a tha ga iarraidh agus gun robh iad airson dèanamh cinnteach gum biodh seasmhachd ann dhan chànan sna bliadhnaichean air thoiseach.
Thuirt Chris Spolton, a tha na stiùiriche aig Topmarks: "Tha sinn air leth toilichte obrachadh còmhla ri Stòrlann ag eadar-theangachadh cuid de na geamannan ionnsachaidh againn dhan Ghàidhlig."
'S ann bho Riaghaltas na h-Alba a tha Stòrlann, taobh a-muigh air a mhaoineachadh.