Athchuinge nan gugannan ga cumail fosgailte

Luchd-iomairt an aghaidh sealg a' ghuga
Fo-thiotal an deilbh,

'S iad luchd-iomairt an aghaidh sealg a' ghuga a tha air an athchuinge a thoirt air adhart

  • Air fhoillseachadh

Cho-dhùin buill aig Holyrood athchuinge a tha ag iarraidh casg air sealg a' ghuga a chumail fosgailte.

Tha seo a' ciallachadh gum bi e air a' chlàr-ghnothaich don phàrlamaid ùir an dèidh an taghaidh sa Chèitean.

Thuirt fear-gairm Comataidh na Saoranachd agus nan Athchuingean Poblach, Jackson Carlaw BP: "Tha e soilleir gu bheil beachdan làidir air gach taobh, agus tha iad seo airidh air cothrom èisteachd".

Cho-dhùin a' chomataidh ri linn sin gun robh iad deònach an athchuinge, taobh a-muigh a chumail fosgailte.

Bidh sgioba à Nis ann an Leòdhas a' falbh a Shùlasgeir a h-uile foghar airson àireamh aontaichte de na sùlairean òga a mharbhadh 's a reic airson biadh.

Cha deach na Nisich a Shùlaisgeir ann an 2020 air sgàth Chovid 19 - a' chiad turas bho dheireadh an Dàrna Cogaidh nach robh sealg ann.

Ged a thill iad ann an 2021, dh'fhàg flù nan eun nach deach an sgioba ann a-rithist gu 2025.

'S ann às dèidh dhaibh tilleadh gu Sùlaisgeir an-uiridh is cead aca suas ri 500 eun a mharbhadh a thòisich iomairt às ùr feuch casg a chur air an t-seilg.

'S i an neach-iomairt Rachel Bigsby a chuir an athchuinge air adhart is i ag iarraidh gun tèid Achd an Fhiadh-Bheatha atharrachadh gus nach bi e a' ceadachadh sealg a' ghuga.

Tha còrr air 100,000 duine air an ainm a chur ris an athchuinge aig an ìre seo.

Leanaidh an deasbad a-nise sa phàrlamaid ùir a bhios ann às dèidh an taghaidh.

Trending Now