Cead air a dhiùltadh do leasachadh Fàn Eilean

- Air fhoillseachadh
Tha comhairlichean air a' Ghàidhealtachd air bhòtadh gu h-aona-ghuthach an aghaidh phlanaichean airson fo-stèisean dealain mòr a thogail faisg air a' Mhanachainn.
Thuirt a' chompanaidh SSEN a tha air cùl an leasachaidh a tha san amharc aig Fàn Eilean is iad ag ràdh gu bheil e deatamach gus lìonra dealain na Gàidhealtachd a neartachadh agus airson targaidean ath-nuadhachail a choileanadh.
Bhiodh dealan a thigeadh bhon chàball ùr a tha san amharc eadar na h-Eileanan an Iar is tìr-mòr na h-Alba a' dol tron bhun-structar ùr a bhiodh aig Fàn Eilean.
Tha connspaid mhòr air a bhith a' cuairteachadh nam planaichean bho thùs is iomairt làidir aig ìre na coimhearsnachd a' togail dhraghan mun bhuaidh air an sgìre.
Plana SSEN: "Tha mi uabhasach fiadhaich mun a h-uile càil"
- Air fhoillseachadh24 An Giblean 2025
Comhairlichean a' tadhal air Fàn Eilean
- Air fhoillseachadh19 Am Faoilleach
Dùil ri co-dhùnadh air plana connspaideach Fàn Eilean
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Ged a bha aithisg a chaidh air beulaibh Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas Diardaoin a' moladh cead a thoirt seachad, air a' cheann thall chuir gach comhairliche a bh' ann an aghaidh an iarrtais aig SSEN.
Thog gach ball den chomataidh dragh mun buaidh air a' choimhearsnachd mun cuairt agus air an àrainneachd.
Chaidh fàgail air SSEN cuideachd nach tàinig fiosrachadh gu leòr bhuapa a thaobh mar a rachadh trafaig a làimhseachadh fhad 's a bha an leasachadh a' dol air adhart, is nach do rinn iad conaltradh mar a bha còir le coimhearsnachdan.
Tha SSEN fhèin air a ràdh tric gu bheil iad air conaltradh poblach mòr, farsaing a dhèanamh.

Tha cothrom aig a' chompanaidh a-nise ath-thagradh a dhèanamh is iad fhèin ag ràdh gur e sin a thachras.
Bidh am facal mu dheireadh an uairsin ann an làmhan roinn dealbhachaidh Riaghaltas na h-Alba.
A' bruidhinn às dèidh a' cho-dhùnaidh Diardaoin, thuirt tè de chomhairlichean na sgìre, an Tòraidheach Helen Crawford, gun robh buill gu làidir den bheachd gur e "an leasachadh ceàrr san àite cheàrr" a tha ann am Fàn Eilean.
Thuirt an Comh Crawford - a tha air a bhith ag iomairt an aghaidh nam planaichean - gu bheil ceist ann a-nise "an èist Riaghaltas na h-Alba ri deamocrasaidh ionadail".
"Briseadh-dùil"
Thuirt SSEN ann am brath gur e briseadh-dùil a bh' anns a' cho-dhùnadh dhaibh.
"Chaidh am pròiseact a leasachadh a rèir a h-uile poileasaidh is reachdais a th' ann, a' cothromachadh ghnothaichean coimhearsnachd agus àrainneachdail, a thuilleadh air gnothaichean teicnigeach agus eaconomach," thuirt a' chompanaidh.
"Tha fo-stèisean Fàn Eilean aig cridhe nan ath-leasachaidhean bun-structair chritigich a tha a dhìth an ceann a tuath na h-Alba airson targaidean tèarainteachd chumhachd agus cumhachd ghlan a choileanadh, a thuilleadh air taic a chur ri cosnaidhean agus fàs eaconomach - mar a sheall a' cho-litir bho phrìomh ghnothachasan solarachaidh air Ghàidhealtachd a tha a' cur taic làidir ris a' phròiseact seo.
"Tha sinn fhathast fo ghealltanas gun obraich sinn gu h-adhartach còmhla ri luchd-ùidhe agus coimhearsnachdan, agus coimheadaidh sinn ri co-dhùnadh an là an-diugh le sùil air ath-thagradh a dhèanamh."