Dòchas gum fosgail Caisteal Inbhir Nis ro dheireadh 2025

Caisteal Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha dòchas ann gum fosgail Caisteal Inbhir Nis don phoball ro dheireadh 2025, an dèidh maill tighinn air.

Bhathar a' sùileachadh gun tachradh sin deireadh an t-samhraidh, agus obair leasachaidh mhòr air a bhith a' dol air an togalach airson a dhèanamh na ionad-turasachd.

Ach tha duilgheadasan le bhith a' fastadh luchd-obrach, agus grèim fhaighinn air stuthan togail, a' fàgail gu bheil maill air fhosgladh.

Ghluais na cùirtean-lagha a-mach às a' chaisteal ann an 2020, agus tha an togalach agus am fearann mun cuairt air air a bith ga leasachadh bhon uair sin air chosgais £30m.

"'S e an duilgheadas as motha a th' air a bhith againn 's e luchd-obrach," thuirt àrd-mhanaidsear a' phròiseict, Jason Kelman.

"Tha gainnead luchd-obrach dha-rìribh air an làraich, agus mòran fo-chùmhnantaichean an sàs ann a bhuineas don sgìre ionadail - ach gu nàdarra tha pròiseactan gu leòr eile acasan ri dhèanamh.

"Tha duilgheadas air a bhith againn cuideachd le cuid de na stuthan togail a' tighinn dhan làraich.

"Le leithid seo de phròiseact tha sinn a' faighinn stuthan bho air feadh na Roinn Eòrpa a thuilleadh air an Rìoghachd Aonaichte."

A' Ghàidhlig

Thathar an dòchas gum bi mu 200,000 duine a' tadhal air a' chaisteal nuair a bhios e fosgailte, agus tha dualchas Ghàidhlig Inbhir Nis am measg na thig fan comhair ann.

"Tha pàirt mhòr aig dualchas na Gàidhlig anns na tha am broinn a' chaisteil," thuirt manaidsear prògraim agus gnìomha a' phròiseict, Amy NicLeòid.

"Tha na gàrraidhean againn air am brosnachadh gu mòr le dualchas na Gàidhlig agus le nàdar.

"Tha agus na h-uimhir de na taisbeanaidhean againn.

"'S e fear de na ciad thaisbeanaidhean a bhios anns na Seòmraichean Cèilidh anns an Tùr a Tuath, "Ceòl nas Motha" a tha sinn air a chruthachadh ann an co-bhann le RunRig," thuirt i.

Tha Màiri Mhòr nan Òran cuideachd gu bhith a' nochdadh an lùib taisbeanaidh air daoine a th' air a bhith cudromach ann an coimhearsnachd a' bhaile.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Trending Now