Seachdnar fo chasaid an dèidh mar a fhuaireadh cainb luach £7.1m an seann sgoil

Seann Àrd-sgoil Inbhir ÙigeTùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Tha seachdnar fhireannach air nochdadh sa chùirt fo chasaid ann an co-cheangal ri cainb luach £7.1m a lorg na poilis ann an sgoil fhalamh ann an Inbhir Ùige.

Rinn oifigearan rèid air sean Seann Àrd-sgoil Inbhir Ùige Diardaoin an 29mh den Fhaoilleach an dèidh dhaibh fiosrachadh fhaighinn.

Fhuair iad tuathanas-cainb san robh 5,900 lus agus cainb tioram sa bheil luach tuairmsichte de £456,000.

Chuir iad triùir fhear, aois 44 agus 27, agus òganach, 17, an greim agus fo chasaid na lùib.

Nochd iad ann an Cùirt an t-Siorraim ann an Inbhir Ùige Dihaoine an 20mh den Fhaoilleach.

Chaidh ceathrar fhear eile, aois 46, 35, 23 agus 23, cuideachd a chur an greim agus fo chasaid an co-cheangal ris a' chùis.

Nochd iadsan san aon chùirt Dimairt an 3mh den Ghearran.

Thug an Detective Inspeactair Phoebe McDaid taing don choimhearsnachd airson an cuid foighidinn fhad 's a bha an rannsachadh a' leantainn.

"Tha drugaichean ag adhbharachadh dòrainn nar coimhearsnachdan agus tha obair chudromach aig a' phoball taic a thoirt do Phoileas Alba airson faighinn a-mach cò as coireach ri buain, sgaoileadh agus reic stuth mì-laghail."

Dh'iarr i gun gun cuir daoine le dragh mu dhrughaichean sa choimhearsnachd aca fios dha na poilis le bhith a' fònadh thuca air 101, taobh a-muigh neo tro Crimestoppers gun ainm a thoirt seachad 0800 555 111.

Trending Now