Cead do thaighean ùra air an Tairbeart

- Air fhoillseachadh
Thug Comhairle nan Eilean Siar cead gu h-aona-ghuthach do phlana 46 taigh a thogail air an Tairbeart anns na Hearadh.
Bha dragh ann mun bhuaidh a bheireadh fuaim is duslach às an obair-togail air luchd-còmhnaidh Rathad Scott, ri taobh na làraich, agus bha Taigh-Staile na Hearadh air gearan gu bheil dragh orra mu thruailleadh dhan loch às an toir iad an t-uisge aca.
Ach thuirt buill, ged a bha iad ag aithneachadh nan draghan sin, gun do chuir iad cùmhnantan teann an sàs airson na trioblaidean a lùghdachadh.
Togaidh Buidheann Taigheadais Innse Gall 24 taigh anns a' chiad earrainn den leasachadh, le rathad a-steach dhan làraich bho ri taobh ionad nam Maor-Cladaich air Rathad Scott.
Thèid an uair sin 22 dachaigh eile a thogail.

Feumar an làrach, a tha gu math creagach, ullachadh ro làimh.
Thuirt oifigearan dealbhachaidh gun robh buannachdan a' phròiseict cho mòr agus gun gabhadh iad ris a' bhuaidh air an sgìre mu thimcheall anns a' gheàrr-ùine.
Tha draghan air a bhith ann fad bhliadhnaichean mu ghainnead thaighean air prìsean reusanta anns na Hearadh, agus tha dùil gum bi am pròiseact seo mar fhreagairt air sin.
Chaidh 12 taigh ùr a thoirt seachad an-uiridh don Bhuidhinn Taigheadais anns an t-Òb agus tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh faisg air crìoch a chur air dà thaigh ùr ann am Meabhag nam Beann, is an t-Urras ag aithneachadh gu bheil trioblaid aig daoine dachannan fhaighinn anns na Hearadh.