Fearann ga cheannach 'son baile ùr taobh Loch Dubhthaich

- Air fhoillseachadh
Chaidh fearann ann an Cinn Tàile a chur gu foirmeil fo shealbh na coimhearsnachd airson baile ùr a thogail.
Tha Urras Coimhearsnachd a' Chaoil is Loch Aillse an dòchas gun toir an leasachadh, air a bheil iad fhèin a' gabhail meanbh-èiceo-bhaile, a bhios air dà làrach ann an Sàraig agus Ratagan, cothrom do theaghlaichean òga fuireach anns an sgìre.
Thèid croitean-coille, taighean air prìs reusanta, aonadan gnothachais agus lios a dhèanamh air an làraich ann an Ratagan, le trì làraichean-taighe gan dèanamh ann an Sàraig, le dhà dhiubh gan reic fo luach na margaidh.
Tha an t-Urras ag ràdh gu bheil sluagh na sgìre air a bhith a' fàs nas sine sna bliadhnaichean mu dheireadh, 's gu bheil nas lugha cloinne aig aois sgoile.
Chaidh taigheadas aig prìs reusanta agus cothroman cosnaidh a thogail mar phrìomhachasan airson na sgìre sa phlana leasachaidh ionadail aig Comhairle na Gàidhealtachd.
Fhuair an t-Urras gealltanas sa Ghiblean an-uiridh air £166,720 bho Stòras Fearainn na h-Alba airson an dà phìos fearainn a cheannach.
"Riatanach"
Chaidh beachdan na coimhearsnachd iarraidh, agus tha na tha san amharc aig an Urras ag amas air iarrtasan muinntir an àite a choileanadh.
"'S e an-diugh clach-mhìle chudromach air an rathad fhada a dh'ionnsaigh am pròiseact seo a choileanadh," thuirt Magaidh Byrne bhon Urras.
"Tha sinn taingeil airson na taice a fhuair sinn bho mhuinntir an àite, do dh'Fhearann is Coilltearachd Alba airson na h-obrach a rinn iad airson an t-atharrachadh seilbh seo a dhèanamh cho furasta, agus don luchd-maoineachaidh airson cuideachadh ann a bhith ga dhèanamh comasach.
"Tha trì bliadhna gu leth a-niste bho chuir sinn an toiseach airson am fearann aig Loch Dubhthaich a cheannach, agus tha rathad fada a-mach romhainn fhathast gus an cuir sinn fàilte air an luchd-màil ùr."
Thuirt i cuideachd gum bi na daoine sin riatanach do mhaith na sgìre san àm ri teachd.