Peatral air Uibhist a ruighinn ach ceistean a' leantainn

- Air fhoillseachadh
Ràinig tancair connaidh Uibhist feasgar Dimàirt is mì-thoileachas air a bhith ann gun deach an t-eilean fhàgail gun pheatral.
Bha na stèiseanan connaidh ann an Uibhist agus Beinn na Faoghla uile air ruith a-mach à peatral anns na làithean mu dheireadh, ged a bha dìosal agus ola gu leòr aca.
Thuirt a' chompanaidh ola Certas gur e droch shìde a bu choireach airson nan trioblaidean a bh' ann.
Thàinig tancair air a' cheann thall feasgar Dimàirt is Certas, CalMac, is Buidheann Èiginn nan Eilean Siar air a bhith ag obair còmhla gus fuasgladh fhaighinn.
Bha dragh air nochdadh a thaobh mar a chaidh an gnothach a làimhseachadh.
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt fear de chomhairlichean Uibhist a Tuath, Ùisdean Robasdan, gun robh tòrr dhaoine air tighinn thuige mu dheidhinn.
Thuirt e nach robh rabhadh ann sa chiad dol a-mach gum faodadh trioblaid a bhith ann.
"Bha e caran tàmailteach nach robh fhios againn gun robh an duilgheadas seo ann an uair.

"Feasgar Dihaoine a chuala mi mu dheidhinn seo nuair a dh'fhòn cuideigin a ràdh gum biodh iad a' ruith a-mach Diluain.
"Mar a thachair ruith iad a-mach Disathairne, is an uairsin dh'fheuch sinn ri greim fhaighinn air Buidheann Èiginn nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh airson an rud a ghluasad air adhart."
Thuirt an Comh Robasdan gun robh cothroman air a bhith aig Certas anns na làithean mu dheireadh connadh fhaighinn a dh'Uibhist, is gun robh iad air a bhith "gu math slaodach" is gun robh "gu leòr leisgeulan" air a bhith aca.
"Feumaidh sinn dèanamh cinnteach nach tachair an leithid a-rithist," thuirt e.
Rinn an Comh Robasdan moladh mòr air CalMac ge-tà, 'son mar a bha iadsan air cuideachadh le connadh fhaighinn a dh'Uibhist.
Ann am brath, thuirt Certas: "Dh'fhàg droch aimsir nach b'urrainn dhan tancair againn ceangal aig Loch a' Chàrnain, is bha gaoth làidir cuideachd air aiseagan eadar na h-eileanan a chur dheth is air dàil a chur air làraidhean connaidh.
"Chuir sinn air dòigh gun tigeadh connadh a dh'Uibhist feasgar Dimàirt is tha sinn ag obair le buidhnean eile gus dèanamh cinnteach gun till cùisean chun na h-àbhaist cho luath 's a ghabhas."