Fòram nan Eilean a' coinneachadh ann an Leòdhas

Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Cruinnichidh riochdairean eileanach ag Fòram nan Eilean a tha a' tòiseachadh ann an Leòdhas Diluain.

Coinnichidh Mìcheal Gove, Rùnaire na stàite airson Levelling Up, ri riochdairean comhairle bho air feadh na dùthcha a bhruidhinn air duilgheadasan agus co-obrachadh.

Seo an treas coinneamh de dh'Fòram nan Eilean.

Bidh fòcas air ceangalaichean bann-leathainn.

'S e riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte a tha a' cumail a' chruinneachaidh agus tha iad air a bhith ann an Arcaibh agus Eilean Wight ron seo.

Bidh ceannardan comhairle agus àrd-stiùirichean o air feadh na rìoghachd an làthair agus bidh prìomhachas air co-obrachadh.

Thathar an dòchas le bhith ag obair còmhla, gun tèid freagairtean a lorg air trioblaidean a th' aig gach eilean.

Thuirt ceannard Chomhairle nan Eilean Siar, Pòl Steele, gu bheil dùbhlain shònraichte mu choinneamh dhaoine anns na h-Eileanan Siar agus ann an eileanan eile na dùthcha, agus gu bheil cothrom ann fuasglaidhean a lorg tron fhòram, a thuilleadh air a bhith a' coimhead air fàs.

Trending Now