Thèid casg-astair 20msu ann am Bàgh a' Chaisteil a leudachadh

Mapa de Bhàgh a' ChaisteilTùs an deilbh, Comhairle nan Eilean Siar
  • Air fhoillseachadh

Tha Comhairle nan Eilean Siar a' cur casg-astair 20msu an sàs rè ùine am Bàgh a' Chaisteil airson 18 mìosan.

Bidh e ann bho Dhiluain 21cd den Ghiblean 2025 gu 19mh den Dàmhair 2026.

Fo na riaghailtean a th' ann an-dràsta, chan urrainn do dhraibhearan a dhol nas luaithe na 20msu ri taobh na sgoile, ach thèid an cuibhreachadh sin a leudachadh gu sgìre nas motha den bhaile le casg-astair ùr 30msu timcheall air.

Ma shoirbhicheas leis an sgeama eadar-amail agus ma tha gu leòr airson 's gum mair e, thèid casg-astair 20msu a stèidheachadh tro Òrdugh Smachdachaidh Trafaig.

Tha Ro-innleachd Nàiseanta Riaghaltas na h-Alba airson caisg-astair 20msu a' fàgail gu bheil dleasdanas air ùghdarrasan ionadal barrachd dhiubh a chur an sàs agus dèanamh cinnteach gu bheil na rathaidean ann an sgìrean le sluagh nas motha le casg-astair nas sàbhailte.

Tha an Ro-innlachd Nàiseanta agus sgeama Bhàgh a' Chaisteil ag amas air rathaidhean a dhèanamh nas sàbhailte, barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus a bhith a' coiseachd agus falbh air baidhseagal, agus sràidean agus nàbachdan a dhèanamh nas tlachdmhor.

Chìthear fiosrachadh mu sgeama Comhairle nan Eilean Siar an seo. , taobh a-muigh

Trending Now