Poilis am Barraigh a' sireadh fiosrachaidh mu chàr a chaidh a ghoid

Chaidh an carbad fhàgail ann am Brèibhig tràth madainn an Sàbaid
- Air fhoillseachadh
Tha na poilis a' sireadh taic a' phobaill ann am Barraigh an dèidh mar a chaidh carbad a ghoid an t-seachdain seo chaidh.
Tha iad airson bruidhinn ri daoine a chunnaic cuideigin a' dràibheadh Hilux Toyota dearg eadar am Bàgh a Tuath agus Brèibhig an uairean beaga na maidne Didòmhnaich a' 1d den Mhàrt.
Chaidh an carbad a thoirt air falbh bhon talla sa Bhàgh a Tuath agus fhuaireadh e faisg air a' chuaraidh ann am Brèibhig.
Dh'iarr na poilis gun cuir daoine le fiosrachadh brath thuca an seo, taobh a-muigh.