Neach a bha steigte an uamh an Cataibh air an saoradh

Fhuair luchd-teasairginn ionadail taic bho bhall de Chomann Cobhair Uamhan na h-Alba
- Air fhoillseachadh
Rinneadh cobhair air neach a bha glacte ann an lìonra de dh'uamhan ann an iar-thuath na Gà idhealtachd.
Chaidh Sgioba-Teasairginn Bheanntan Asainte, a bhios air an trèanadh airson daoine a thoirt a-mach à uamhan, a ghairm don uamh aig Allt nan Uamh na bu trà ithe air an t-seachdain seo.
Tha grunn uamhan san sgìre timcheall air Innis nan Damh, nam measg Uamhan nan Cnà mh far an d'fhuaireadh fianais de bheathaichean ro-eachdraidheil san à m a dh'fhalbh.
Thuirt an luchd-teasairginn gun robh an neach air a dheagh uidheamachadh ach feumach air taic airson faighinn gu uachdar na talmhainn a-rithist.

Rinneadh cobhair air an neach ann an Uamh Allt nan Uamh
Thachair e gun robh ball de Chomann Cobhair Uamhan na h-Alba san sgìre aig an à m agus chuidich iadsan leis a' phlana chobhair a' cleachdadh fà radh sùbailte agus ròpannan.
Thuirt an luchd-teasairginn gun deach an neach a bh' anns an uamh a thoirt a-mach aiste gu sà bhailte.
Thuirt iad gum feum daoine a tha am beachd a dhol a-steach do shiostam uamhan a bhith deiseil airson dèiligeadh ris an fhuachd agus là rach a dh'fhaodadh a bhith gu math iomallach.
Dh'iarr iad air daoine sùil a thoirt mus falbh iad feuch dè an t-sìde a bhios ann, agus gun a dhol siòs uamh leotha fhèin.
Chaidh na h-uamhan ann an Innis nan Damh a chruthachadh 200,000 bliadhna mus tug an linn deighe mu dheireadh cruth-atharrachadh air cruth na tìre bho chionn mu 15,000 bliadhna.

Thachair an iomairt agus an t-sìde gheamhradail air tilleadh