Athair is mac a dhìth an Gleann Comhann

Bha dùil gun tilleadh Tom Parry agus a mhac Richie dhachaigh Diciadain
- Air fhoillseachadh
Tha iomairt mhòr a' leantainn feuch lorg fhaighinn air athair is mac à Cheshire a th' air a dhol a dhìth an Gleann Comhann.
Bha dùil ri Tom Parry a tha 49, 's a mhac Richie a tha 12, air ais na dhachaigh Diciadain às dèidh dhaibh tadhal air Gleann Nibheis is Gleann Comhann.
Chaidh lorg fhaighinn air a' chàr aca, ach chan eil sgeul air an dithis.
Tha Mgr Parry 5' 10" de dh'àirde, meadhanach tapaidh le falt curlach a tha donn is liath.
Thuirt na Poilis gur dòcha gun robh seacaid dhubh is orains uime.
Tha Richie mu 5' de dh'àirde, caol le falt soilleir-dhonn. Tha dùil gu bheil seacaid orains uime.
Thuirt an t-Insp Craig Johnstone: "Cha do thill Tom is Richie dhachaigh mar a bha dùil, agus tha iomairt mhòr a' dol air adhart ann an sgìre Ghlinn Chomhann feuch an lorg cho luath 's a ghabhas.
"Dh'iarrainn air duine sam bith a dh'fhaodadh a bhith air am faicinn no air bruidhinn riutha fios a chur oirnn le cabhag."