Rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm a' dùnadh airson obair-càraidh

- Air fhoillseachadh
Dùinidh rèile-beinne a' Chàirn Ghuirm airson obair-càraidh bhliadhnail eadar an Cèitean agus an Ògmhios.
Dh'innis HIE gum bi an t-seirbheis, a dh'fhosgail sa Ghearran an dèidh dhi a bhith dùinte còrr air bliadhna gu leth, dheth airson trì seachdainean bhon 12mh den Chèitean airson obair riatanaich.
Thuirt iad gun deach an obair a thoirt air adhart bhon t-Samhain gus nach biodh uimhir de bhuaidh air luchd-tadhail.
Cleachdaidh Balfour Beatty, a tha ag obair as leth HIE, an ùine airson crìoch a chur air obair-càraidh air an drochaid-rèile.
Bidh an làrach fhathast fosgailte seachd làithean san t-seachdain fhad 's a tha an obair-càraidh a' leantainn.