Dùil ri seirbheisean lìbhrigidh le drònaichean sna h-Eileanan an Iar

Dròna a' giùlain stuth san adhar le beanntan air fàire agus a' ghrian a' dèarrsadhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha companaidh a bhios a' cleachdadh dhrònaichean airson bathar a lìbhreagadh ag ràdh gu bheil iad an dùil seirbheis a thòiseachadh sna h-Eileanan an Iar taobh a-staigh bliadhna.

Tha Windracers air deuchainnean a dhèanamh leis na drònaichean aca aig Port-adhair Kirkwall agus bha sreath thachartasan aca an-uiridh an Arcaibh feuch dè an ùidh a bh' aig daoine ann an seirbheis lìbhrigidh.

Tha iad a-nis air aonta a dhèanamh le compàirteachas còmhdhail na Gàidhealtachd is nan Eilean, HiTrans.

Thuirt Àrd-oifigear Windracers, Simon Muderack: "Le bhith ag obair còmhla ri HiTrans faodaidh sinn buidhnean coimeirsealta eile a thoirt a-steach agus luchd-obrach agus bun-structar a chur an sàs agus seirbheisean làitheil a thòiseachadh."

Thathar an dòchas gum faodadh gun cuidich na drònaichean gus stuth a lìbhrigeadh ann an suidheachaidhean far am faod dàil buaidh a thoirt air càileachd bathair.

Tha dùil gum bi seo gu sònraichte feumail airson cungaidhean-leigheis agus iasg a ghiùlain, cho math ri stuth a tha riatanach do ghnothachasan an leithid thuathan-èisg.

Trending Now