Sealg a' ghuga dheth bliadhna eile

- Air fhoillseachadh
Cha teid sealg nan gugannan air adhart air Sulaisgeir am bliadhna air sgĂ th dragh mu bhuaidh Flu nan Eun.
Tha an naidheachd a' tighinn agus Nà darAlba ag rà dh gu bheil à rdachadh air a thighinn air an à ireamh de dh'eòin-mara a tha air am faighinn marbh mu chladaichean na dùthcha.
Seo an dà rna bliadhna an sreath a chèile a cho-dhùin muinntir Nis ann an Leòdhas gun a dhol air adhart leis an t-sealg thraidiseanta, 's dragh orra mun ghalar.
Seo dìreach an treas turas a chaidh an t-sealg a chur dheth bho dheireadh an dà rna chogaidh.
Cha deach na sealgairean a-mach gu Sulaisgeir ann a 2020 ri linn Covid.
Bidh na fir a' dol a-mach mar as tric gach Lùnastal agus a' cur seachad mu chola-deug air a' chreig mu 40 mìle tuath air Nis agus a' sealg mu 2,000 guga.
Thuirt Nà darAlba, a bhios a' toirt seachad cead airson an t-seilg, gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh an-drà sta air tuineachasan sùlaire anns na h-Eileanan an Iar airson tomhais a dhèanamh air buaidh a' ghalair air a' chost an iar.

Thuirt neach-labhairt: "Ged a chaidh grunn shùlairean fhaighinn marbh air a' chost an iar an-uiridh cha b' urrainn dhuinn dèanamh a-mach an tà inig iad uile bhon aon à ite.
"Ged nach do sheall sgrĂądadh a rinnear ann an Sulaisgeir an-uiridh Ă ireamhan bĂ is a-mach Ă s an Ă bhaist, tha sinn mothachail gum faodadh gun do sgap flu nan eun san eilean nas anmoiche air an t-samhradh.
"Le sin, tha measadh as ùire ga dhèanamh am-bliadhna airson suidheachadh nan eun a dhearbhadh."
Chaidh na ceudan de dh'eòin mharbh a thogal far thrà ighean ann an Siorrachd Obar Dheathain an t-seachdain seo le Nà darAlba ag rà dh gu bheil a h-uile coltas ann gur e flu nan eun as coireach.
Thug comhairle na sgìre rabhadh seachad gun tig tuilleadh dhiubh air tìr fhathast.