Spòrs

Latest updates

  1. "Feumaidh sinn geamaichean a chur às an t-sealladh"air fhoillseachadh aig 11:00 GMT

    Alfie Stewart

    Thuirt cluicheadair Chaley Thistle Inbhir Nis, Alfie Stiùbhart, gum feum iad a bhith nas fheàrr ann a bhith a' cur crìoch air na cothroman aca às dèidh dhaibh puingean a leigeil às anmoch Disathairne an aghaidh Cove Rangers.

    Fhuair am fear-glèidhidh aig Cove, Balint Demus, tadhal bho chornair ann an ùine a bharrachd aig deireadh a' gheam airson puing a thogail dhan sgioba.

    Bha Stiùbhart air Caley Thistle a chur air thoiseach sa chiad leth le tadhal eireachdail bho thaobh a-muigh a' bhocsa.

    A' bruidhinn às dèidh a' gheam ge-tà, thuirt Stiùbhart gum feum iad barrachd chothroman a chruthachadh aig an taigh airson geamaichean a chur às an t-sealladh.

    "Bha cothrom neo dhà againn sa chiad leth - na tadhail nach robh mi a' smaoineachadh a bha dheth, ach fiù 's aig an sin bu chòir dhuinn a bhith cruthachadh barrachd chothroman airson an geam a bhuannachadh.

    "Mar sgioba tha fios againn nach eil sin math gu leòr aig an taigh.

    "Bu chòir dhuinn a bhith a' cur a' gheam dhan leabaidh sa chiad leth.

    "Ach chan eil sinn a' gabhail nan cothroman againn air an t-seusan sa. Tha sinn a' strì anmoch ann an geamaichean airson fuireach air thoiseach 1-0.

    "Tha an sgioba air fad den bheachd gum feum sinn an dàrna tadhal fhaighinn, agus bhiodh sin na chuideachadh mhòr dhuinn," thuirt e.

    County air ais aig a' bhonn

    Cha robh deireadh-seachdain ro mhath nas motha aig Ross County a tha e air ais aig bonn Championship na h-Alba.

    Chaill na Staggies 1-0 ri St Johnstone ann am Peairt, gam fàgail co-ionnann leis an An Àrd-Rèidh air puingean ach air an cùlaibh air sgaradh thadhal, às dèidh dha na Daoimeanan crìochnachadh 0-0 le Obar Bhrothaig.

    An aon thogail do Chounty 's e gun do chaill an dà sgioba eile as fhaisge orra, Raith Rovers agus Greenock Morton, a' ciallachadh gu bheil an dà sgioba sin le chèile fhathast dìreach trì puingean os an cionn.

  2. Taghadh Chupa na Prìomh Lìgeair fhoillseachadh aig 08:52 GMT

    Chaidh an taghadh a dhèanamh oidhche Dhòmhnaich airson farpais ùr ann an iomain nam ban.

    Bidh dusan cluicheadair air gach sgioba ann an Cupa na Prìomh Lìge.

    Tha na geamaichean sa chiad chuairt mar a leanas:

    • An t-Eilean Sgitheanach - Loch Abar

    • Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Ceann Loch Seile

    Tha Bàideanach is Inbhir Nis a' dol dìreach dhan ath chuairt.

    Bidh na geamaichean ann deireadh-seachdain an 18mh is 19mh den Ghiblean.

    Rinneadh an taghadh às dèidh a' gheama mhòir eadar Bàideanach is Loch Abar sa Phrìomh Lìog, geama a bhuannaich Bàideanach 1-0.

  3. Briseadh-dùil do Leòdhas is na Hearadh am Fìobhaair fhoillseachadh aig 08:08 GMT

    Sgioba Leòdhais is na Hearadh aig BayviewTùs an deilbh, Comann Ball-Coise Amaitearach na h-Alba

    Chaill sgioba thaghte Leòdhais is na Hearadh ann am Fìobha air an deireadh-sheachdain is iad a' cluich ann am farpais ùr an Inter League Trophy aig Comann Ball-Coise Amaitearach na h-Alba.

    Rinn Rìoghachd Fìobha an gnothach 2-0 air na h-eileanaich aig Bayview, dachaigh East Fife.

    Thuirt manaidsear Leòdhais is na Hearadh, Colin George Moireasdan, gur e sgioba làidir a bha ann am Fìobha ach gun do chluich Leòdhas is na Hearadh deagh bhall-coise.

    Thuirt Colin George gun robh na h-eileanaich mì-fhortanach an geama a chall 2-0.

  4. Am Baile Ùr aig a' mhullach is Robinson air a dhòighair fhoillseachadh aig 17:57 GMT 15 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thuirt Iain Robinson gun robh e a' faireachdainn gun robh Baile Ùr an t-Slèibh gu math airidh air an dà phuing a chuir iad air thoiseach air càch aig mullach na Prìomh Lìog ann an iomain nam fear.

    Air là nuair a rinn droch aimsir sgrios air clàr nan geamaichean, 's e am Baile Ùr an aghaidh Loch Abair an aona gheama a chaidh air adhart sa Phrìomh Lìog Disathairne.

    Cha robh ann ach aon tadhal is 'e Robinson a fhuair e, a' fàgail a' Bhaile Ùir aig a' mhullach le ceithir puingean bhon dà gheama a chluich iad.

    Cha robh ach aona gheama san Lìog Nàiseanta cuideachd far an do chuir Gleann Urchadain deich tadhal seachad air Ceiltich an Òbain.

    Tha sgioba a' Ghlinne aig bàrr na lìge ach tha a h-uile coltas ann gu bheil seusan fada ro Cheiltich an Òbain, a tha a-nise air call 9-0 is 10-0 san dà gheama aca gu seo.

    Rinn an t-uisge trom milleadh cuideachd air iomain nam ban ach chaidh aona gheama air adhart sa Phrìomh Lìog Didòmhnaich agus 's e fear mòr a bh' ann: Bàideanach an aghaidh Loch Abair.

    An turas seo 's iad Bàideanach a rinn a' chùis sa bhlàr eadar an dà sgioba as làidire san spòrs is Hope Borthwick air an targaid ann an Ceann a' Ghiùthsaich.

    Làmh an uachdair aig sgioba Bhàideanach ma-tha aig an ìre thràth seo den t-seusan.

  5. Alba ag amas air na Sia Dùtchannan: "Seo an cothrom as fheàrr a th' air a bhith againn"air fhoillseachadh aig 12:02 GMT 13 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tha sgioba na h-Alba ag amas air eachdraidh a dhèanamh Disathairne is cothrom aca air Farpais nan Sia Dùthchannan a bhuannachadh 'son a' chiad uair.

    Feumaidh iad a' chùis a dhèanamh air Èirinn, is feum aca cuideachd air fàbhar bho na Sasannaich a tha a' cluich na Frainge.

    Ged a bha làmh an uachdair aig na h-Èireannaich an aghaidh Alba anns na bliadhnaichean mu dheireadh, tha Jamie Kieran am measg luchd-taic a tha misneachail.

  6. Linn ùr eile aig Pittodrieair fhoillseachadh aig 11:49 GMT 13 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tòisichidh linn Stephen Robinson aig stiùir Obar Dheathain Disathairne nuair a chuireas na Dons fàilte air an Eaglais Bhric.

    Thuirt Robinson, a bha na mhanaidsear air St Mirren, nach b'urrainn dha cluba mar Obar Dheathain a dhiùltadh.

    Tha Iain MacDiarmaid am measg luchd-taic a tha an dòchas gun urrainn dha Robinson gnothaichean a leasachadh aig Pittodrie.

    Tha sùil aig Iain gu sònraichte air cothrom a thoirt do dh'òigridh.

  7. "An dùbhlan as motha san lìog" ro Ross County Disathairneair fhoillseachadh aig 17:06 GMT 12 Am Màrt

    Manaidsear Ross County, Stuart KettlewellTùs an deilbh, SNS

    Thuirt manaidsear Ross County, Stuart Kettlewell, gu bheil an dùbhlan as cruaidhe san lìog mun coinneimh Disathairne nuair a thèid iad an aghaidh St Johnstone ann am Peairt.

    Tha na Saints an-dràsta aig bàrr na lìge le County san dàrna àite far a' bhonn às dèidh dhaibh sreap os cionn na h-Àrd-Ruighe leis a' phuing a fhuair iad an aghaidh Obar Bhrothaig an t-seachdain a chaidh.

    'S e togail a bh' ann an sin is tha fhios gun d' fhuair am manaidsear spionnadh an t-seachdain seo cuideachd às dèidh dha bhith air ainmeachadh mar mhanaidsear na mìos airson a' Ghearrain.

    "Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tòrr sgiobaidhean a' cluich gu math an-dràsta, ach nuair a thèid thu chun na sgioba a th' aig bàrr na lìge, a tha a' cluich fìor mhath, a' sgòrradh is a' cumail thadhal a-mach, tha dùbhlan mu ar coinneimh ach 's e dùbhlan a th' ann ris a bheil sinn a' dèanamh fiughar," thuirt Kettlwell.

    Thog Kettlwell cuideachd air cho teann is a tha an lìog is an diofar a dhèanadh e nam faigheadh sgioba air sreath de gheamaichean a bhuannachadh.

    "Ma 's urrainn do sgioba dhà, trì, ceithir geamaichean a bhuannachadh ann an sreath tha e ag atharrachadh na lìge cho mòr.

    "Cuid de lìogan chan eil sin a' tachairt. Ged a bhuannaicheadh sgioba sreath de gheamaichean chan eil iad a' gluasad cus.

    "Ach anns an Championship, ma gheibh sgioba sreath den t-seòrsa sin a' dol, dhèanadh e diofar mòr," thuirt e.

  8. Spòrscast: Somhairle, athair agus tandemair fhoillseachadh aig 12:06 GMT 12 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    San Spòrscast as ùire tha Calum MacIllinnein a' cluinntinn nan sgeulachdan air cùlaibh an t-sreath de phrògraman a rinn Somhairle MacIain air BBC ALBA o chionn ghoirid - agus na cleasan a bh' aige fhèin agus athair nuair a chaidh iad air turas mun cuairt Ìle air tandem, am measg eile!

    Cluinnear an Spòrscast gu lèir an seo.

  9. Toiseach-tòiseachaidh làidir dha Raghnall Ros aig stiùir Chinn a' Ghiùthsaichair fhoillseachadh aig 09:31 GMT 9 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Calum MacIllinnein ag aithris air a' gheama eadar Ceann a' Ghiùthsaich is Camanachd an Eilein Sgitheanaich

    Thòisich linn ùr Raghnaill Rois ann an Ceann a' Ghiùthsaich mar a bhiodh e ag iarraidh is an sgioba a' dèanamh a' ghnothaich 3-0 air na Sgitheanaich aig an Dell.

    Bha fìor dheagh là aig na nàbaidhean aca cuideachd is Baile Ùr an t-Slèibh air soirbheachadh 4-2 an aghaidh Camanachd an Òbain aig Mossfield.

    Thòisich an Gearasdan gu làidir is iad a' soirbheachadh 4-0 an aghaidh Chabar Fèidh.

    'S e 4-0 a bh' ann cuideachd dha Loch Abar an aghaidh Chaol Bhòid is sgioba Drochaid an Aonachain a' tilleadh dhan Phrìomh Lìog le brag.

    'S e là eachdraidheil a bh' ann do Chaol-Gleann is a' chiad gheama aca sa Phrìomh Lìog, ach bha e cuideachd na shealladh air an deuchainn a tha romhpa is iad a' call 3-0 aig an taigh an aghaidh Chinn Loch Seile.

    Ann an Lìog Tuath 2 bhuannaich na Leòdhasaich a' chiad gheama aca fo stiùir Donnie MhicRath is Connor Chalmers is iad a' soirbheachadh 4-2 an aghaidh na Manachainn.

    Ann an iomain nam ban thug na Sgitheanaich geama gu math dùbhlanach dha Loch Abar ach 's iad na h-Abraich a thàinig am bàrr 1-0.

    Bha Bàideanach cofhurtail is iad air buannachadh 5-1 air falbh an aghaidh Inbhir Nis.

    Sa gheama eile sa Phrìomh Lìog rinn GMA a' chùis 2-0 air Gleann Urchadain.

  10. Comann Camanachd nam Ban aig 25 is seusan ùr a' tòiseachadhair fhoillseachadh aig 16:14 GMT 6 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Tòisichidh seusan ùr ann an iomain nam ban air an deireadh-sheachdain le clach-mhìle is Comann Camanachd nam Ban a' comharrachadh 25 bliadhna.

    'S ann aig Bàideanach is Loch Abar a bha làmh an uachdair aig an ìre as àirde den gheama bho chionn ghoirid is tha a h-uile coltas ann gum bi iadsan gu math làidir a-rithist.

    Tha Javen Houston a' toirt sùil air adhart.

  11. Leasachadh aig a' Chreagan Dubhair fhoillseachadh aig 11:01 GMT 6 Am Màrt

    An stand ùr aig a' Chreagan DubhTùs an deilbh, Cluba Ball-coise nan Loch

    Tha leasachadh eile ann am ball-coise ionadail anns na h-Eileanan an Iar is na Lochan air stand ùr a thogail aig a' Chreagan Dubh.

    Tha an cluba air an dòigh leis a' ghoireas ùr is iad ag ràdh gum bi fosgladh oifigeil ann fhathast.

    Thàinig maoineachadh bho Oighreachd a' Chrùin agus maoin ionadail Innse Gall CLLD.

    An stand ùr aig a' Chreagan DubhTùs an deilbh, Cluba Ball-Coise nan Loch

    Chan fhada gus am bi cothrom aig luchd-taic nan Loch an stand ùr a chur gu feum is an seusan ùr a' teannadh dlùth.

    Rinn Comann Ball-Coise Leòdhais is na Hearadh na taghaidhean airson nan cupanan nas tràithe an t-seachdain seo is gheibhear am fiosrachadh air fad an seo.

  12. Caol-Gleann air bhioran mu chothrom air a' Phrìomh Lìogair fhoillseachadh aig 07:55 GMT 6 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Thèid eachdraidh a dhèanamh Disathairne nuair a chluicheas Caol-Gleann a' chiad gheama aca sa Phrìomh Lìog.

    Tha an sgioba à Comhghall air adhartas iongantach a dhèanamh thar an 20 bliadhna mu dheireadh gus an ìre seo a ruighinn.

    Chaidh Javen Houston a thadal orra is iad ag ullachadh airson an t-seusain ùir.

  13. Seusan ùr iomain a' tòiseachadhair fhoillseachadh aig 08:33 GMT 5 Am Màrt

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    San Spòrscast as ùire tha Javen Houston a' coinneachadh ri sgiobair Bhaile Ùir an t-Slèibh, Iain Robinson, agus sgiobair GMA nam Ban, Alison NicBhiocair airson sùil air adhart a ghabhail air seusan ùr ann an iomain a thòisicheas Disathairne.

    Sa chriomag seo, cluinnear am beachdan air cò bhios soirbheachail am-bliadhna anns a' Phrìomh Lìog ann an iomain nam fear.

    Gheibhear an Spòrscast gu lèir an seo.

  14. Na taghaidhean gu lèir an Lìog Leòdhais is na Hearadhair fhoillseachadh aig 14:04 GMT 4 Am Màrt

    Sgioba an Rubha le Cupa Moldobha an-uiridh
    Fo-thiotal an deilbh,

    Sgioba an Rubha le Cupa Moldobha an-uiridh

    Chaidh na taghaidhean airson nan cupannan ann an seusan 2026 a dhèanamh aig AGM Lìog Ball-Coise Leòdhais is na Hearadh oidhche Mhàirt.

    Tha na geamaichean mar a leanas:

    Cupa ABC

    Buidheann 1

    • Nis - Aths

    • Na Lochan - Nis

    • Aths - Na Lochan

    Buidheann 2

    • United - Am Bac

    • Càrlabhagh - United

    • Am Bac - Càrlabhagh

    Buidheann 3

    • An Taobh Siar - Na Hearadh

    • An Rubha - An Taobh Siar

    • Na Hearadh - An Rubha

    Cupa Eilean an Fhraoich

    A' Chiad Chuairt

    • Nis - An Rubha

    • Càrlabhagh - An Taobh Siar

    • Na Lochan - Na Hearadh

    An Iar-Chuairt Dheireannach

    • Na Lochan/Na Hearadh - Nis/An Rubha

    • Càrlabhagh/An Taobh Siar - Am Bac

    Cupa Moldobha

    A' Chiad Chuairt

    • Nis - Aths

    An Dàrna Cuairt

    • An Taobh Siar - Na Lochan

    • United - Na Hearadh

    • Am Bac - Càrlabhagh

    • An Rubha - Nis/Aths

    An Iar-Chuairt Dheireannach

    • An Taobh Siar/Na Lochan - United/Na Hearadh

    • Am Bac/Càrlabhagh - An Rubha/Nis/Aths

    Cupa Jock Stein

    A' Chiad Chuairt

    • Na Lochan - United

    An Dàrna Cuairt

    • Na Hearadh - Am Bac

    • Càrlabhagh - An Rubha

    • Nis - Na Lochan/United

    • Aths - An Taobh Siar

    An Iar-Chuairt Dheireannach

    • Nis/Na Lochan/United - Càrlabhagh/An Rubha

    • Na Hearadh/Am Bac - Aths/An Taobh Siar

    MalCivils Cupa nan Eilean Siar

    A' Chiad Chuairt

    • Barraigh - Na Hearadh

    • Southend - Càrlabhagh

    • Saints an Ìochdair - Na Lochan

    • Am Bac - Uibhist a Tuath

    • Nis - Èirisgeigh

    • United - An Rubha

  15. "Barrachd na briseadh-dùil" do Chounty am Fìobhaair fhoillseachadh aig 09:10 GMT 4 Am Màrt

    Callumn Moireasdan a' cur Dùn Pharlain air thoiseach oidhche MhàirtTùs an deilbh, SNS
    Fo-thiotal an deilbh,

    Callumn Moireasdan a' cur Dùn Pharlain air thoiseach oidhche Mhàirt

    Thuirt manaidsear Ross County gu bheil e a' coimhead air rudan atharrachadh gu mòr às dèidh dhaibh call 3-0 ann am Fìobha an aghaidh Dhùn Phàrlain oidhche Mhàirt.

    Chuir Callumn Moireasdan dà thadhal 'son na Pars sa chiad leth (15, 26) is Chris Kane a' cur crìoch air gnothaichean le deich mionaidean air fhàgail.

    Tha seo a' fàgail na Staggies aig bonn an Championship le naoi geamaichean lìge air fhàgail.

    "'S e barrachd na briseadh-dùil a bha seo às dèidh cho math 's a bha sinn aig an deireadh-sheachdain (nuair a bhuannaich iad 2-0 an aghaidh Raith)," thuirt Stuart Kettlewell.

    "Tha e coltach gu bheil dùbhlan is duilgheadas againn a thaobh a bhith a' fuireach aig àrd-ìre - a bhith a' cluich aig an ìre sin geama às dèidh geama.

    "Trì tursan bho thill mi dhan chluba tha sinn air cluich gu math is air buannachadh is an ath gheama tha sinn air a bhith truagh.

    "Chan eil seo air tachairt rium ron seo ach tha mi a' smaointinn gum feum sinn atharrachadh mòr air choireigin a dhèanamh oir chan urrainn dhuinn leantainn mar a tha sinn."

    Bidh County air an rathad Disathairne is iad a' cluich Obar Bhrothaig aig Gayfield.

  16. County ag amas air èirigh far bhonn an Championshipair fhoillseachadh aig 15:06 GMT 3 Am Màrt

    Uche Ikpeazu a' sgòradh le cheann do Ross County an aghaidh Raith Rovers
    Fo-thiotal an deilbh,

    Uche Ikpeazu a' sgòradh do Ross County an aghaidh Raith Rovers Disathairne 'son an cur 2-0 air thoiseach

    Tha cothrom aig Ross County sreap far bhonn Championship na h-Alba nuair a thèid iad an aghaidh Dhùn Phàrlain oidhche Mhàirt.

    Tha County an dràsta co-ionann leis an Àrd-Ruigh air puingean aig a' bhonn ach air an cùlaibh air sgaradh-thadhail.

    Ma bhuannaicheas iad a-nochd ge-tà aig pàirc East End, leumadh iad suas chun an ochdamh àite.

    Bidh sgioba Stuart Kettlewell an dòchas togail air an deagh bhuaidh a bh' aca air an deireadh-sheachdain nuair a rinn iad a' chùis air Raith Rovers 2-0.

    Dh'fhàgadh sin iad cuideachd dìreach ceithir puingean air cùlaibh nam Pars a tha an dràsta sa cheathramh àite - an t-àite playoff mu dheireadh airson faighinn dhan Phrìomh Lìog.

    Cuideachd a-nochd san Championship, cuiridh Obar Bhrothaig, a th' anns an treas àite fàilte air Ayr United a th' anns a' chòigeamh àite.

  17. Call ach dòchas do bhoireannaich na h-Alba an Inbhir Nisair fhoillseachadh aig 09:16 GMT 3 Am Màrt

    Eilidh ShoreTùs an deilbh, SNS
    Fo-thiotal an deilbh,

    'S i Eilidh Shore an sgiobair a bh' aig Alba ann an Inbhir Nis oidhche Luain

    Thuirt manaidsear sgioba nam ban aig Alba Fo 23 gun do dh'ionnsaich iad na h-uimhir bhon gheama an aghaidh na h-Òlaind ann an Inbhir Nis oidhche Luain, ged a chaill iad 4-0 air a' cheann thall.

    Thuirt Michael McArdle cuideachd gum bi barrachd gheamaichean aig tuath.

    Bha tadhal bho Liz Rijsbergen air na Duitsich a chur 1-0 air thoiseach aig letheach-slighe, is chuir dà thadhal ann am beagan mhionaidean san dàrna leth bho Lynne Groenewegen is Rijsbergen a-rithist an geama seachad air Alba.

    Chuir Addie Handley am ball dhan lìon aice fhèin anns na mionaidean mu dheireadh is an geama a' crìochnachadh 4-0.

    "Bha fios againn gum biodh e doirbh agus 's e sin as coireach gun do chuir sinn na geamaichean seo air dòigh," thuirt McArdle.

    "Chluich cuid de na nigheanan fìor mhath is 's e ceum air adhart a bh' ann dhaibh. Tha sin na thogail mòr dhuinn."

    Nochd 1,042 aig Pàirc Chaledonian, an sluagh as motha thuige seo ann an Inbhir Nis 'son geama ann am ball-coise nam ban.

    Thug sin misneachd do McArdle cuideachd.

    "Tha an spòrs againn a' fàs is tha dleastanas oirnn feadhainn eile a bhrosnachadh.

    "Bha sinn airson geama a thoirt chun na Gàidhealtachd is tillidh sinn.

    "A bhith an seo is còrr is 1000 an làthair, fiù 's a bhith a' faicinn òigridh a' bruidhinn ris na cluicheadairean aig deireadh a' gheama, 's e sin an rud as cudromaiche a thaobh geama a bhith againn an seo."

  18. Ball-coise eadar-nàiseanta air a' Ghàidhealtachdair fhoillseachadh aig 12:24 GMT 2 Am Màrt

    Eilidh Shore aig Hearts is AlbaTùs an deilbh, SNS

    Tha ball-coise eadar-nàiseanta a' tighinn chun na Gàidhealtachd oidhche Luain is sgioba nàiseanta nam ban Fo 23 a' cluich an aghaidh na h-Òlaind ann an Inbhir Nis.

    Tha seo mar phàirt de dh'fharpais chàirdeil anns a bheil Alba a' cluich 'son a' chiad turas.

    Thòisich e san Dàmhair nuair a chaill Alba 3-0 ris an t-Suain ann an Cair Chaladain is iad beagan làithean às dèidh sin a' dèanamh a' ghnothaich 3-1 air an Eadailt.

    Rinn a' Bheilg an uairsin a' chùis air na h-Albannaich 2-0 san t-Samhain.

    'S e an geama ann an Inbhir Nis oidhche Luain am fear mu dheireadh sa bhuidhinn.

    Tha Eilidh Shore aig Hearts am measg na th' ann an sguad na h-Alba.

    "Tha sinn a' farpais an aghaidh nan sgiobaidhean as fheàrr agus 's e sin a tha sinn ag iarraidh airson adhartas a dhèanamh," thuirt Eilidh.

    "Chaidh cuid de na geamaichean gu seo gu math is cuid cha deach, ach tha e cudromach gu bheil sinn ag ionnsachadh bhuapa uile.

    "'S e ceum suas a th' ann ach tha thu ag ionnsachadh tòrr mu do dheidhinn fhèin agus mun fheadhainn eile san sgioba."

    'S ann à Obar Dheathain a tha Eilidh fhèin is tha i gu math toilichte gu bheil na geamaichean seo air an sgaoileadh air feadh na dùthcha.

    Tha i an dòchas gun dèan e feum a thaobh ùidh nigheanan òga na Gàidhealtachd a ghlacadh.

    "A bhith suas sa cheann a tuath, tha e a' toirt dhuinn cothrom sealltainn do nigheanan òga dè as urrainn dhaibh dèanamh.

    "Tha mi an dòchas gun tig daoine a-mach ann an Inbhir Nis gus taic a thoirt dhuinn agus gun urrainn dhuinne ginealach ùr de chluicheadairean a bhrosnachadh."

    Tòisichidh an geama aig Pàirc Chaledonian aig 7:00f oidhche Luain is bidh e saor an-asgaidh faighinn a-steach.

  19. Cuairt dheireannach Cupa Dùbhlain na h-Alba ga cluich aig Firhillair fhoillseachadh aig 14:45 GMT 27 An Gearran

    Cupa KDM Evolution - Cupa Dùbhlain na h-AlbaTùs an deilbh, SPFL
    Fo-thiotal an deilbh,

    Cupa KDM Evolution - Cupa Dùbhlain na h-Alba

    Thèid cuairt dheireannach Cupa Dùbhlain na h-Alba (Cupa KDM Evolution) eadar Raith Rovers agus Caledonian Thistle Inbhir Nis a chluiche aig Pàirc Wyre aig Firhill ann an Glaschu.

    Thèid an geama air adhart Là na Sàbainn 5mh den Ghiblean (Là na Càisge) aig 4.10f agus thèid a chraoladh beò air BBC ALBA.

    Seo a' chiad bhliadhna a chaidh an fharpais a chumail ann an seadh lìg sa chiad ìre.

    Thuirt àrd-stiùriche an SPFL Niall Doncaster gun robh e airson meal an naidheachd a chur air na sgiobannan airson a' chuairt dheireannach a ruighinn. Thuirt e cuideachd gun robh iad airson taing a thoirt do Phartick Thistle airson cead a thoirt seachad an geama a chluiche sa phàirc acasan.

    Gheibh an sgioba a bhuannaicheas am-bliadhna £150,000 leis an dàrna sgioba a' faighinn £100,000.

Trending Now