An Gearasdan a' tighinn a-steach gu Lìog nam Banair fhoillseachadh aig 11:28 GMT
11:28 GMT
Tùs an deilbh, SWF
Tha fàs a' tighinn air Lìog na Gàidhealtachd is nan Eilean ann am ball-coise nam ban is An Gearasdan air tighinn a-steach dhan fharpais.
'S e seo a' chiad turas bho thòisich an lìog ann an 2019 a bhios sgioba à Loch Abar a' farpais ann.
"Tha sinn gu math toilichte gu bheil sgioba ùr air a stèidheachadh agus ann an sgìre de dh'Alba far nach robh sgioba bhoireannach roimhe.
"Tha e a' tighinn às dèidh do Shealtainn cluich sa chupa an-uiridh agus an dà chuid Ross County agus Bucaidh gluasad gu ìre nas àirde."
Tòisichidh seusan ùr Lìog na Gàidhealtachd is nan Eilean Didòmhnaich seo tighinn leis na geamaichean seo:
Nairn St Ninian - An Gearasdan
Clach na Cùdainn - Boireannaich Arcaibh
Gallaibh - Cataibh
Fin Greumach a' dol gu Geamaichean a' Cho-fhlaitheisair fhoillseachadh aig 10:38 GMT
10:38 GMT
Tùs an deilbh, Andrew Leinster
Thuirt an rothaiche Gàidhealach Fin Greumach gu bheil e air a dhòigh às dèidh dha a bhith air a thaghadh ann an sgioba na h-Alba 'son Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu.
Tha Fin, 26, a thogadh ann an Srath Pheofhair, air soirbheachadh gu mòr anns na bliadhnaichean mu dheireadh is e air bonn òir fhaighinn aig na Geamaichean Paralimpigeach ann an 2024 ann an rèis rathaid C1-3.
Tha e cuideachd air trì buinn airgid fhaighinn aig na Geamaichean Paralimpigeach, a thuilleadh air sreath de dhuaisean aig Farpaisean Para na Cruinne.
Cha robh Fin aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis gu seo is gu h-iongantach, chan eil e gu seo air Alba a riochdachadh nas motha.
"Cha robh mi an dùil gum faighinn cothrom rèiseadh airson Alba ann an Alba is tha e dìreach sònraichte," thuirt Fin.
"'S e seo an targaid mhòr a bh' agam is tha mi air mo dhòigh gu bheil e a-nise air a dhearbhadh."
Chaidh an rothaiche Neil Fachie a thaghadh cuideachd ann an sgioba na h-Alba.
Tha Fachie, 41, air soirbheachadh 19 tursan ann am Farpaisean Para na Cruinne is air ceithir buinn fhaighinn aig na Geamaichean Paralimpigeach.
Tha Fachie mar-thà air Alba a riochdachadh trì tursan roimhe aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis is e air còig buinn òir is bonn airgid a bhuannachadh.
Tha sin a' fàgail gur e an dàrna lùth-chleasaiche as soirbheachaile a-riamh aig Alba aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis.
Thuirt Fachie gun robh e a' smaointinn gur dòcha gun robh na làithean aige aig àrd-ìre seachad, ach nach b'urrainn dha cothrom eile air Geamaichean a' Cho-fhlaitheis a dhiùltadh.
Bidh na geamaichean ann eadar an 23mh den Iuchar agus an 2na den Lùnastal.
Baile Ùr an t-Slèibh a' dol a Thaigh na Bruaich ann an Cupa na Camanachdair fhoillseachadh aig 12:09 GMT 23 An Gearran
12:09 GMT 23 An Gearran
Tòisichidh Baile Ùr an t-Slèibh an oidhirp aca air Cupa na Camanachd a dhìon le geama duilich san dàrna chuairt an aghaidh Chaoil Bhòid ann an Taigh na Bruaich.
Bheir an geama sin còmhla a dhà de dh'fhuamhairean traidiseanta na spòrs.
Bidh a' chiad chuairt mar a leanas:
Obar Dobhair - A' Mhanachainn
Cill Mhàilidh - Gleann Urchadain
Ceiltich an Òbain - Àird nam Murchan
GMA - Srath Ghlais
Eilean Bhòid - Inbhir Aora
Inbhir Nis - Lòbhat
Agus seo an dàrna cuairt:
Eilean Bhòid / Inbhir Aora - An t-Eilean Sgitheanach
Loch Abar - Cill Mhàilidh / Gleann Urchadain
Cabar Fèidh - Ceiltich an Òbain / Àird nam Murchan
Obar Dobhair / A' Mhanachainn - Camanachd an Òbain
GMA / Srath Ghlais - Ceann Loch Seile
Inbhir Nis / Lòbhat - An Gearasdan
Caol Bhòid - Baile Ùr an t-Slèibh
Ceann a' Ghiùthsaich - Caol-Gleann
Gheibhear barrachd mun taghadh mar a thachair e an seo.
Clàr Eòrpach dha Megan Keith san Spàinnair fhoillseachadh aig 08:11 GMT 23 An Gearran
08:11 GMT 23 An Gearran
Tùs an deilbh, Getty Images
Stèidhich Megan Keith clàr ùr Eòrpach ann an 10k nam ban aig rèis Facsa Castellón san Spàinn.
Chuir an tè-ruith à Inbhir Nis crìoch air an rèis ann an 30:07 - diog nas luaithe na an clàr Eòrpach a bh' ann is a bha aig Eilish McColgan.
A dh'aindeoin gun d'fhuair i an clàr Eòrpach, chrìochnaich Keith sa cheathramh àite ann an Castellón.
'S i Caroline Gitonga à Ceinia a bhuannaich ann an 29:34 is Nelvin Jepkemboi, cuideachd à Ceinia, san dàrna àite ann an 29:45.
Bha Chaltu Dida à Etìopia san treas àite le àm 29:50.
Chrìochnaich Eilish McColgan san t-siathamh àite ann an 30:35.
Bha McColgan air clàr Eòrpach de 30:19 san 10k a stèidheachadh ann an 2022 ach chaidh a bhriseadh san Fhaoilleach am-bliadhna le Jana Van Lent às a' Bheilg.
Dìreach seachdain às dèidh sin ge-tà, stèidhich McColgan clàr ùr aig 30:08 ann am Valencia.
Spòrs sneachda: an geamhradh as fheàrr ann an sia bliadhnaair fhoillseachadh aig 15:43 GMT 19 An Gearran
15:43 GMT 19 An Gearran
Tùs an deilbh, Aonghas Trinder/Cairngorm Mountain
Tha ionadan spòrs geamhraidh na h-Alba ag ràdh gu bheil an seusan as fheàrr ann an sia bliadhna air a bhith aca am-bliadhna.
Tha ionad Ghleann Sìth air a bhith fosgailte bho dheireadh na Dùbhlachd 2025 agus thuirt iad gu bheil cùisean air a bhith "mìorbhaileach" thar na trì seachdainean mu dheireadh.
Thuirt ionad Ghleann Comhainn gur e seo an seusan as fheàrr a th' air a bhith aca bho àm Chovid agus thuirt ionad a' Chàirn Ghuirm gur i "bliadhna sgoinneil" a th' air a bhith ann thuige seo.
Tha an sneachd cuideachd a' ciallachadh ge-tà, gu bheil cunnart a bharrachd ann bho mhaoimtean-sneachda ann an cuid de bheanntan na h-Alba. Chaidh cha mhòr 100 a chlàradh thairis air a' mhìos mu dheireadh.
Chaidh rabhaidhean fhoillseachadh airson beanntan a' Mhonaidh Ruaidh, Creag Meagaidh agus Loch Abar.
Tha sneachd agus aimsir chiùin o chionn ghoirid a' ciallachadh gun deach aig gach ionad spòrs geamhraidh ann an Alba air fosgladh airson spòrs sneachda.
Thuirt Andy Meldrum o ionad Ghleann Comhainn gun robh còrr air 1,000 luchd-sgithidh agus mu 600 luchd-sleidsidh aca Dimàirt 17mh den Ghearran.
Thuirt àrd-stiùiriche ionad Ghleann Sìth Daibhidh Farquharson gun robh cùisean air tighinn ri chèile aig deagh àm - le sgoilearan far na sgoile airson grunn làithean sa Ghearran.
"Air an là as trainge againn, tha 2500 air tadhal oirnn. Tha sin tòrr nas fheàrr na àm sam bith eile o bha sinn dùinte air sàileibh Covid," thuirt e.
Thuirt e cuideachd gun deach aca air mòran shlighean fhosgladh agus gun robh sin a' ciallachadh gum feumadh iad tòrr a bharrachd luchd-obrach - eadar 60 is 70 an taca ri 15 gu h-àbhaisteach.
Tùs an deilbh, Aonghas Trinder/Cairngorm Mountain
Thuirt ionad a' Chairn Ghuirm faisg air an Aghaidh Mhòir gu bheil iad fàilte a chuir air 23,000 luchd-sgithidh o dh' fhosgail iad air an 21mh den t-Samhainn.
Thuirt neach-labhairt gu bheil 68 là de spòrs sneachda air a bhith aca on uairsin agus gu bheil an sgioba aca air a' bheinn air a bhith ag obair o mhoch gu dubh airson na goireasan a chumail a' dol.
Tha Ionad Nibhis faisg air a' Ghearasdan agus an Lecht ann an Siorrachd Obar Dheathain cuideachd air a bhith fosgailte.
Nas tràithe an t-seachdain sa thuirt Sgioba Teasargain Bheanntan Loch Abair gun do lorg iad maoim-sneachda ann an sgìre An Uillt Ruaidh air Beinn Nibhis fhad's a bha iad a' dèanamh cobhair air daoine air a' bheinn.
Dìleab Lachlainn MhicCuithein agus iomain ann an Uibhistair fhoillseachadh aig 09:28 GMT 19 An Gearran
09:28 GMT 19 An Gearran
Fo-thiotal a’ bhidio,
San Spòrscast as ùire tha Iain Moireasdan a' toirt thugainn prògram sònraichte a chlàr e o chionn faisg air 20 bliadhna a' sealltainn ri mar a bha iomain gu mòr mar phàirt den choimhearsnachd ann an Uibhist.
Sa chriomag seo cluinnear DR MacDhòmhnaill agus Lachlann MacCuithein nach maireann.
Scott MacBheatha às a' Bhlàr Dhubh a' buannachadh Railidh an Snowmanair fhoillseachadh aig 11:14 GMT 17 An Gearran
11:14 GMT 17 An Gearran
Fo-thiotal a’ bhidio,
Thòisich Railidh an Snowman san Eilean Dubh, faisg air Inbhir Nis
Bhuannaich an draibhear Scott MacBheatha a' chiad rèis aige mar phàirt de Championship Railidh na h-Alba is an 'Snowman' a' cur seusan ùr gu dol Disathairne 's a chaidh.
Rinn MacBheatha, a bhuinneas don Bhlàr Dhubh, a' chùis anns an Volkswagen Polo R5 aige le a cho-dhraibhear Anndra Falconer, a bhuinneas do dh'Inbhir Nis.
Chrìochnaich iad 17 diogan air thoiseach air dithis à Innis Tìle, Daniel Sigurðarson and Ásta Sigurðardóttir a bha san dàrna àite le Alexander Vassallo (York) agus Chris Lees (Glaschu) a' crìochnachadh san treas àite.
Geamaichean tarraingeach air an taghadh an Cupa MhicThàmhaisair fhoillseachadh aig 16:36 GMT 13 An Gearran
16:36 GMT 13 An Gearran
Tòisichidh Ceann a' Ghiùthsaich an oidhirp aca Cupa MhicThàmhais a bhuannachadh 'son an còigeamh turas ann an streath le geama doirbh air falbh an agaidh Chinn Loch Seile.
'S e Ceann Loch Seile an thog an cupa ann an 2021 - a' bhliadhna mus do thòisich sreath Chinn a' Ghiùthsaich.
'S iad cuideachd an aon sgioba a rinn a' chùis air Kings sa Phrìomh Lìog ann an 2025.
Bha seo am measg nan geamaichean a thàinig às an ad aig an taghadh aig Pàirc a' Bhucht Dihaoine.
Bidh sùil aig mòran cuideachd air Loch Abar an aghaidh nan nàbaidhean aca bhon Ghearasdan.
Tha an taghadh mar a leanas:
Loch Abar - An Gearasdan
Inbhir Nis - Cabar Fèidh
Ceann Loch Seile - Ceann a' Ghiùthsaich
An t-Eilean Sgitheanach - Cill Mhàilidh
Srath Ghlais - Gleann Urchadain
Tha Lòbhat, a' Mhanachainn is Baile Ùr an t-Slèibh a' dol dìreach dhan dàrna cuairt.
Bidh na geamaichean sa chiad chuairt ann Disathairne an 4mh den Ghiblean.
Oidhirp air leth bho Kerry Nic a' Phì ann am Morocoair fhoillseachadh aig 15:55 GMT 12 An Gearran
15:55 GMT 12 An Gearran
Tùs an deilbh, Lloyd Wright
Thuirt an rothaiche Uibhisteach Kerry Nic a' Phì gur e rud cho iongantach 's a rinn i na beatha a bh' ann an Rèis Bheanntan Atlas ann am Moroco is i air crìochnachadh san dàrna àite.
Thòisich an rèis Dihaoine is slighe 1,350km ro na farpaisich is tro bheanntan àrda.
Rinn Kerry a' chùis air an dùbhlan ann an 5 là, 14 uairean a thìde is 5 mìonaidean.
'S i Cynthia Carson a rinn an gnothach ann an 5 là, 5 uairean a thìde is 2 mhionaid.
Tùs an deilbh, Lloyd Wright
A' bruidhinn ri làrach Facebook na rèise, taobh a-muigh, thuirt Kerry nach robh siognal fòn aice fad làithean is nach robh i fiù 's a' faireachdainn gun robh i ann an rèis.
Rinn an fheadhainn a chuir an rèis air dòigh moladh mòr oirre is iad ag ràdh gun robh i air oidhirp air leth a dhèanamh ann am-bliadhna nuair a bha na farpaisich san fharsaingeachd aig ìre fìor àrd.
Dhearbh iad cuideachd gum bi Kerry a' farpais aig an rèis mhòir aca Silk Road ann an Kyrgyzstan as t-samhradh.
"Chan eil clue againn cò tha a' dol a thighinn am bàrr"air fhoillseachadh aig 08:53 GMT 12 An Gearran
08:53 GMT 12 An Gearran
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha Spòrscast air a bhith a' coimhead air ais air Super Bowl 60 is mar a rinn na Seattle Seahawks an gnothach air na New England Patriots 29–13.
Bhiodh e fìor ri ràdh nach e sin an geama a bha na h-eòlaichean againn a' sùileachadh aig toiseach an t-seusain!
Gheibhear an còmhradh gu lèir eadar Calum Dòmhnallach agus Colin George Moireasdan ann an Spòrscast an seo.
Kerry Nic a' Phì aig rèis ultra ann am Morocoair fhoillseachadh aig 15:59 GMT 6 An Gearran
15:59 GMT 6 An Gearran
Fo-thiotal a’ bhidio,
Kerry Nic a' Phì ann an rèis ultra ann am Moroco
Tha Kerry Nic a' Phì ri rothaireachd-beinne ann an sgìre Atlas de Mhoroco oidhche Haoine far a bheil i gu bhith a' siubhal fad còrr is 800 mìle thairis air nas lugha na seachdain.
Cluinnear tuilleadh bho Kherry air Spòrs na Seachdain Disathairne air BBC Radio nan Gàidheal agus air BBC Sounds
Buaireadh mu iomain òigridhair fhoillseachadh aig 15:13 GMT 6 An Gearran
15:13 GMT 6 An Gearran
Fo-thiotal a’ bhidio,
Tha feadhainn a tha an sàs ann an iomain òigridh anns an Eilean Sgitheanach ag ràdh gu bheil cunnart mòr ann gun toir riaghailtean ùra aig Comann na Camanachd droch bhuaidh air an spòrs am measg dhaoine òga.
Bha cead aig sgoiltean beaga roimhe aon sgioba a chur gu farpaisean nuair nach robh robh barrachd na 150 clann air clàr nan sgoiltean sin uile gu lèir.
Tha sin a-nise air a ghearradh gu 80 sgoilear an dà chuid airson farpaisean a-staigh agus am-muigh.
Ged a tha an Comann ag ràdh gu bheil dleasdanas orra siostam a chur an sàs a tha cothromach dhan a h-uile sgìre - thuirt aon choidse às an Eilean Sgitheanach gun nochd an sgioba aige aig na Farpaisean Nàiseanta a-staigh aig deireadh na mìos - riaghailtean ùra ann no às.
Bhruidhinn Gilleasbuig MacDhòmhnaill ri Keith MacCoinnich bho Sgioba Iomain Cheann a Deas an Eilein Sgitheanaich is Bruce Crawford bho Sgioba Iomain Cheann a Tuath an Eilein Sgitheanaich
Taghadh Chupa an t-Sutharlannaichair fhoillseachadh aig 11:43 GMT 6 An Gearran
11:43 GMT 6 An Gearran
Tha fios a-nise cò bhios a' cluich cò ann an Cupa an t-Sutharlannaich, prìomh fharpais nan dàrna sgiobaidhean ann an iomain nam fear.
An-uiridh 's iad An Gearasdan a bhuannaich an cupa is iad air a' chùis a dhèanamh 6-4 air Ceann Loch Seile ann an geama air leth sa chuairt dheireannaich.
Tha an taghadh am-bliadhna mar a leanas:
A' Chiad Chuairt - 04/04/26
Cabar Fèidh - Inbhir Nis
Ceann Loch Seile - Gleann Urchadain
Cill Mhàilidh - Loch Abar
Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Uddingston
Sruighlea - Eilean Bhòid
Srath Chura-Dùn Omhain - Tatha is For
An Dàrna Cuairt - 09/05/26
Ceann a' Ghiùthsaich - A' Mhanachainn
Cabar Fèidh/Inbhir Nis - Baile Ùr an t-Slèibh
Loch Carran - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Lòbhat - Ceann Loch Seile/Gleann Urchadain
Inbhir Aora - An Gearasdan
Lochside Rovers - Cill Mhàilidh/Loch Abar
Caol Bhòid - Srath Chura-Dùn Omhain/Tatha is For
GMA/Uddingston - Sruighlea/Eilean Bhòid
Geamaichean tarraingeach san amharc is seusan na h-iomain faisgair fhoillseachadh aig 15:57 GMT 5 An Gearran
15:57 GMT 5 An Gearran
Tha Comann na Camanachd is Comann Camanachd nam Ban air clàr nan geamaichean airson seusan 2026 a sgaoileadh gu na clubaichean is an seusan ùr a-nise a' teannadh dlùth.
Ann am Prìomh Lìog nam fear, tha geama inntinneach dha-rìribh ann gus toiseach an t-seusain a chomharrachadh is Camanachd an Eilein Sgitheanaich gus tadhal air Ceann a' Ghiùthsaich.
Aig deas, bidh a' chiad gheama aig Caol-Gleann sa Phrìomh Lìog aig an taigh an aghaidh Chinn Loch Seile.
Thèid an tuilleadh eachdraidh a dhèanamh air an dàrna Disathairne den t-seusan nuair a nì Caol-Gleann an turas goirid gu Taigh na Bruaich 'son cluich an aghaidh nan nàbaidhean aca Chaol Bhòid, a' chiad gheama eatorra sa Phrìomh Lìog.
Tòisichidh Prìomh Lìog nam fear air an t-seachdamh là den Mhàrt leis na geamaichean seo:
Caol-Gleann - Ceann Loch Seile
An Gearasdan - Cabar Fèidh
Ceann a' Ghiùthsaich - Camanachd an Eilein Sgitheanaich
Loch Abar - Caol Bhòid
Camanachd an Òbain - Baile Ùr an t-Slèibh
Tòisichidh Camanachd Leòdhais an seusan acasan ann an Lìog Tuath 2 le turas dhan Mhanachainn.
Tha aca ri feitheamh gun 2na den Chèitean airson a' chiad gheama lìge aca aig an taigh agus tha sin an aghaidh Loch Abair.
Tòisichidh seusan nam ban cuideachd air deireadh-seachdain an 7mh is 8mh den Mhàrt.
Tha Loch Abar - a bhuannaich an tiotal an-uiridh ann an geama play-off an aghaidh Bhàideanach - a' tòiseachadh aig an taigh an aghaidh nan Sgitheanach.
Bidh sùilean mhòran an uairsin air geama mòr eadar na h-Abraich is Bàideanach air an dàrna deireadh-sheachdain den t-seusan.
Gheibh Prìomh Lìog nam ban gu dol leis na geamaichean seo:
Trì puingean luachmhor dha na Staggiesair fhoillseachadh aig 08:56 GMT 4 An Gearran
08:56 GMT 4 An Gearran
Tùs an deilbh, SNS
Thog Ross County trì puingean cudromach oidhche Mhàirt is iad a' soirbheachadh 1-0 an aghaidh Queen's Park aig Lesser Hampden.
'S e Uche Ikpeazu a chuir an tadhal às dèidh 79 mionaidean is e air tighinn far na beingidh air a' chiad gheama aige dha County bho chuir e ainm ri cùmhnant Diluain.
Tha na trì puingean a' togail Chounty far bhonn an Championship is os cionn Queen's Park.
"Tha sinn air ar dòigh," thuirt manaidsear Chounty, Stuart Kettlewell.
"Geama teann ach tha mi a' smaointinn gun robh na cothroman as fheàrr againne. Rinn Uche fìor mhath is 's e tadhal air leth a bh' ann".
Chan eil geama idir aig County air an deireadh-sheachdain is Cupa na h-Alba ann, is an ath gheama aca a-nise seachdain Disathairne nuair a chluicheas iad Queen's Park a-rithist, an turas seo ann an Inbhir Pheofharain.
Buille do Hearts ann am Pàislig
Ach ged a bha deagh oidhche aig Ross County oidhche Mhàirt, bha briseadh-dùil ann dha Hearts sa Phrìomh Lìog is iadsan a' call 1-0 ri St Mirren.
Bha sgioba Dhùn Èideann air a dhol sìos gu deichnear sa chiad leth is Craig Halkett air a chur far na pàirce sa chiad leth, is St Mirren mu dheireadh thall a' glèidheadh trì puingean cudromach dhaibh fhèin le tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Miguel Freckleton.
"Chan fhaca mi Hearts a' cluich cho truagh siud fad an t-seusain," thuirt eòlaiche a' bhuill-choise Ailig O'Henley air Aithris na Maidne.
"Sin an treas geama a tha iad air a chall air an t-seusan seo san lìog ach tha iad air tilleadh air ais gu làidir is feumaidh iad sin a dhèanamh.
"Mura dèan iad an aghaidh Hibs is gu seachd-àraid an uairsin a' dol gu Ibrox tha mi a' smaointinn gum faodadh sinn tòiseachadh a-rithist bruidhinn mu dheidhinn Rangers no Celtic a dhol thairis orra."
Agus dithis a-nise a-mach aig Countyair fhoillseachadh aig 15:35 GMT 3 An Gearran
15:35 GMT 3 An Gearran
Tùs an deilbh, SNS
Tha dithis chluicheadairean air Ross County fhàgail, goirid às dèidh do dh'Uinneag an Fhaoillich a dhùnadh.
Dhearbh an cluba Dimàirt gu bheil Gary Mackay-Steven is Nicky Clark air falbh.
Bha an dithis am measg na thug Don Cowie a-steach as t-samhradh an-uiridh, mus do chaill e fhèin a dhreuchd mar mhanaidsear.
Rugadh Mackay-Steven, 35, ann an Inbhir Theòrsa is bha e ann an siostam òigridh Chounty na bhalach mus do ghluais e gu Liverpool aig aois 17.
Bha e air a chleachdadh far na beingidh sa mhòr-chuid anns na mìosan mu dheireadh.
Cha do thòisich Nicky Clark, 34, ach dà gheama lìge is cha d' fhuair e tadhal idir.
Bha County mar-tha air triùir chluicheadairean a thoirt a-steach dìreach mus do dhùin an uinneag.
Dithis eile a-staigh aig Countyair fhoillseachadh aig 08:13 GMT 3 An Gearran
08:13 GMT 3 An Gearran
Neartaich Ross County an sguad aca le dithis chluicheadairean a bharrachd mus do dhùin Uinneag a' Gheamhraidh oidhche Luain.
Thug na Staggies a-steach Jayden Carbon bho Middlesbrough is Kaedyn Kamara bho Preston North End.
Bidh an dithis air iasad ann an Inbhir Pheofharain gu deireadh an t-seusain.
'S e fear-aghaidh a th' ann an Carbon is bidh Kamara a' cluich ann am meadhan na pàirce.
Nas tràithe Diluain bha County air Uche Ikpeazu a thoirt a-steach bho St Johnstone.
Cha robh naidheachd sam bith ann a thaobh Chaley Thistle Diluain, ged a tha cothrom aig clubaichean san Championship is ann an Lìog 1 is Lìog 2 iasadan a thoirt a-steach bha chlubaichean eile ann an Alba 'son beagan sheachdainean fhathast.
Ikpeazu air ainm a chur ri cùmhnant le Countyair fhoillseachadh aig 14:28 GMT 2 An Gearran
14:28 GMT 2 An Gearran
Tùs an deilbh, Ross County
Tha Ross County air cur ris an sguad aca air thoiseach air dùnadh Uinneag an Fhaoillich le Uche Ikpeazu a thoirt a-steach bho St Johnstone.
Tha Ikpeazu, 30, air cluich do mhòran sgiobaidhean anns na bliadhnaichean mu dheireadh, Cambridge, Hearts, Cardiff, Middlesbrough, Wycombe agus Konyaspor nam measg.
Chluich e 24 geamaichean do St Johnstone is chuir e ceithir tadhail.
"Tha tòrr eòlais aig Uche is e air cluich ann an Alba agus Sasainn, cho math ri sia geamaichean a chluich do dh'Uganda," thuirt manaidsear Chounty Stuart Kettlewell.
"Bheir e dhuinn rudeigin diofraichte san loidhne-aghaidh - tha e gu math làidir is fiosaigeach agus tha e doirbh do luchd-dìon dèiligeadh ris".
Thuit County air ais gu bonn an Championship air an deireadh-sheachdain nuair a chaill iad 2-1 ri Morton.
Bha na Staggies air an dà gheama lìge mu dheireadh ron sin a bhuannachadh is air èirigh far a' bhuinn.