Iomairt airson glasrach a chumail glas
- Air fhoillseachadh

Tha a' bhuidheann coimhearnsachd, Cnoc nan Giall Earranta, ag iarraidh bheachdan air mar bu chòir gluasad air adhart le plana airson pìos talmhainn bà n an iar air baile Inbhir Nis.
Thar nam beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh cha bheag an à ireamh thaighean a thogadh san sgìre, agus tha muinntir an à ite ag iarraidh an talamh a ghlèidheadh mar ghlasrach.
Tha iad a' coimhead air lotaichean beaga a stèidheachadh agus fèill mhòr air an leithid ann am mòran bhailtean.
Thuirt cathraiche na buidhne, Cnoc nan Giall, Maria de la Torre, gu bheil iad air a bhith ag obair air ro-innleachd airson beagan bhliadhnaichean a-nis.
"Tha sinn ag iarraidh à ite airson gà rraidhean a dhèanamh do dhaoine agus 's dòcha ubhal-ghort, agus tha sinn cuideachd airson pròiseactan a bhith againn a chum maith fallaineachd na coimhearsnachd," mhìnich i.

Tha a' bhuidheann ag iarraidh bheachdan dhaoine air mar as fheĂ rr a ghabhas am fearann a chleachdadh
Chùm iad là fosgailte bho chionn ghoirid agus bha e follaiseach gun robh ùidh aig mòran ann a bhith a' faighinn a' chothroim a bhith ri cur agus buain.
"Air sgĂ th an Lockdown tha daoine air a bhith a' ceannach nas urrainn dhaibh de lusan glasraich sna bĂąitean ionadail," thuirt RĂąnaire na buidhne, Steve Rowan.
"Chan eil teagamh nach eil e gu bhith gu buannachd na coimhearnsachd gum bi iad ag obrachadh na talmhainn còmhla.
"Chan e a-mhà in gum bi lotaichean fa leth aig daoine ach ma 's urrainear pròiseactan fà is a dhèanamh còmhla, mar a bhith a' fàs lusan a reiceas iad, tha sin a' toirt dhaoine còmhla," thuirt e.
Iarrtas a' fĂ s
Ann an Inbhir Nis tha fèill mhòr air pròiseactan mar seo agus tha e a' toirt tlachd mhòir do dhaoine mar Mà iri Nic'illIosa aig a bheil lot bheag air là raich eile sa bhaile.
"'S caomh leam a bhith a' dol ann agus a' bruidhinn ri daoine.
"'S e eacarsaich mhath a th' ann agus nuair a tha cus de rudan aig daoine bidh sinn a' toirt seachad stuth.
"Tha tòrr dhaoine a' feitheamh airson gà rraidh agus tha barrachd ùidh aig daoine ann a bhith a' cur nan lusan aca fhèin, gu h-à raidh am-bliadhna," thuirt i.