Hè ro 'illean bidh sinn triall...

Eaglais ShaghairTùs an deilbh, Geograph/Alan Reid
Fo-thiotal an deilbh,

Cheannaich an Congested Districts Board fearann ann an Saghair agus thill cuid de theaghlaichean gu srath an sinnsirean

LeTeàrlach Quinnell agus Innes ScullionBBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Tha fèill mhòr air a bhith air leabhar ùr mu ath-thuinneachadh Srath Nabhair, 's a h-uile leth-bhreac air a reic ann an cola-deug.

Tha "Strathnaver, Resettlement and the Early Years" a toirt iomraidh mhionaidich air beatha na coimhearsnachd tràth san 20mh Linn, a' cleachdadh beul-aithris, dealbhan agus rannsachadh air muinntir na sgìre.

Thuirt an t-ùghdar, Catriona NicLeòid, gu bheil i an dòchas barrachd de na leabhraichean fhoillseachadh.

"Tha e mu dheidhinn nan daoine a thàinig a Shrath Nabhair aig toiseach na 20mh Linne, às dèidh nan Ruagaidhean, agus Strì an Fhearainn," thuirt Catriona - tè a bhuineas dhan t-srath 's aig a bheil a' Ghàidhlig.

"Cheannaich an Congested Districts Board lotaichean dhaibh ann an Saghair ann an Srath Nabhair, agus bha cothrom aca tilleadh.

"Bha cuideachd stuth eachdraidheil ann, agus stuth sòisealta a chruinnich mi fhìn, mar fhaclan, stòraidhean, 's tòrr dhealbhan, pìos bàrdachd 's òrain 's rudan mar sin."

Catriona NicLeòid, ùghdar "Strathnaver, Resettlement and the Early Years"Tùs an deilbh, CATRIONA NICLEÒID
Fo-thiotal an deilbh,

Tha ùghdar an leabhair ag radh gu bheil "a' toirt sealladh eadar-dhealaichte 's nas fharsainne air" eachdraidh Srath Nabhair

Tha fuadaichean Shrath Nabhair ainmeil airson am brùidealachd, agus muinntir fhir de na srathan as torraiche agus as bàidheile do Mhac-an-duine air costa tuath na Gàidhealtachd air an ruaigeadh gu beatha an cois a' chladaich chreagaich, no thall-thairis.

Thachair sin air Là na Caingis ann an 1814, san sgìre eadar Loch Nabhair aig deas, agus am Blàran Odhair aig tuath - astar mu 20 mìle - ga fhalmhachadh de shluagh a bh' air fuireach ann o thàinig daoine a dh'fhuireach ann an Dùthaich MhicAoidh an toiseach, agus caoraich a' gabhail an àite.

Bha aig na daoine nach deach a-null thairis ri beò-shlaint a thoirt às a' mhuir, agus à geadagan beaga de thalamh bhochd chreagach an cois a' chladaich, leithid na chìthear air taobh an iar Loch Euraboil.

'S iad an sliochd a bh' air an dòigh glan nuair a chaidh aca, cha mhòr 100 bliadhna an dèidh sin ann an 1901, air tilleadh.

Carragh-chuimhne fuadachadh RosailTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh muinntir Shrath Nabhair fhuadachadh air Là na Caingis ann an 1814

Tha òran Gàidhlig a chaidh a dhèanamh mun àm sin air leth aighearach:

"Hè ro 'illean 's bidh sinn triall,

Hè ro 'illean 's bidh sinn triall,

Hè ro 'illean 's bidh sinn triall

Bheir sinn am-bliadhn' Srath Nabhair oirnn!

Cùl mo làimh ri bàt' is lìon,

Slàn le feamainn agus cliabh,

Gabhaidh sinn a chrann 's a chliath,

'S bheir sinn am-bliadhn' Srath Nabhair oirnn!

Thèid sinn fo dhìon nam bratach bàn

a ghabhail seilbh air tìr mo ghràidh

's a' phìob a' nuallan gu h-àrd

toirt fàilte gu Srath Nabhair oirnn!"

Tobhta ri taobh Loch EuraboilTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig air daoine a bha uair ag àiteachd fearann torrach Shrath Nabhair beò-shlaint a thoirt à talamh bochd creagach an cois a' chladaich, agus on mhuir

Bha buaidh nam Fuadaichean - Na Ruagaidhean mar a theireadh iad fhèin - gu math follaiseach gach cuid air an fhearann agus na daoine nuair a thill an sluagh.

"Seach gun robh Srath Nabhair mar fhàsach an àite a bhith loma-làn de dhaoine," thuirt Catriona.

"Coimhearsnachdan sgapte, 's bha a' bhuaidh sin air a' chànan, 's na daoine fhèin.

"Bha iad airson tilleadh gum faigheadh iad cothrom a bhith air ais an Srath Nabhair agus cuideachd ag obair air an fhearann a bha car torrach. Tòiseachadh às ùr mar gum biodh."

Còmhdach an leabhair "Strathnaver, Resettlement and the Early Years" Tùs an deilbh, CATRIONA NICLEÒID
Fo-thiotal an deilbh,

Thathar an dòchas lethbhreacan ùra den leabhar fhoillseachadh agus fèill mhòr air a bhith air

Tha an leabhar a' coimhead gu mòr air eachdraidh nan teaghlaichean a bha an sàs - eachdraidh a bh' air a glèidheadh aig na daoine, 's nach deach a chur còmhla air pàipear gu seo.

"Tha mi cinnteach, às dèidh dhaibh an leabhar fhaicinn, agus a h-uile rud fhaicinn ann an clò còmhla, gun robh iad a' tuigsinn an uair sin gun robh e prìseil gun robh an eachdraidh acasan air a sgrìobhadh sìos," thuirt Catriona.

"Tha tòrr ann mu dheidinn Srath Nabhair agus na Ruagaidhean, ach às dèidh sin 's dòcha nach robh an còrr ann ach aithisgean oifigeil.

"Tha an leabhar seo a' toirt dhuibh sealladh eadar-dhealaichte 's nas fharsainne air na daoine fhèin a bha an sàs an Srath Nabhair 's na ceanglaichean teaghlaich a bh' ann."

Trending Now