Amaran-snàimh a' fosgladh dhan phoball às ùr

  • Air fhoillseachadh
SnàmhTùs an deilbh, Getty Images

Dh'innis Comhairle nan Eilean Siar gu bheil na h-amaran-snàimh ann an Lìonail agus Siabost a' fosgladh dhan phoball a-rithist.

Bha na goireasan air a bhith dùinte dhan mhòr-shluagh tron phandemic.

Tha iomairt air a bhith ann na h-amaran fhosgladh agus luchd-obrach fhastadh.

Tha leasanan snàimh nan sgoiltean air a bhith a' dol adhart annta san teirm mu dheireadh ge-tà, is dhearbh a' Chomhairle gu bheil cothrom a-nise aig an t-sluagh tilleadh.

App

Fosglaidh amar Shiaboist bho oidhche Luain is amar Lìonail oidhche Mhàirt.

Bidh uinneagan de 45 mionaid ann an toiseach is cothrom aig daoine àite a chur air dòigh tro app aig CnES.

Thuirt an t-ùghdarras gum bi e comasach nochdadh is snàmh ma tha rùm ann, ach gu bheil iad a' moladh gu làidir àm a chur air dòigh ro-làimh.

Gheibhear am fiosrachadh air fad an seo, taobh a-muigh.

Trending Now