
Chaidh dearbhadh gun tèid Fòram nan Eilean a chumail a-rithist ann an Eilean Wight sa Chèitean.
Bha am fòram ann 'son a' chiad uair ann an Arcaibh san t-Sultain an-uiridh.
Chaidh a stèidheachadh le Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte mar phàirt den phoileasaidh aca gus cothromachadh a dhèanamh san taic a tha diofar phàirtean den dùthaich a' faighinn.
Thig riochdairean bho choimhearsnachdan eileanach ann an Alba, a' Chuimrigh, Èirinn a Tuath is Sasainn còmhla ann an Eilean Wight a-nise air a' 24mh is 25mh den Chèitean, còmhla ri riochdairean bho na diofar riaghaltasan.
'S e Rùnaire a' Chothromachaidh, Mìchael Gove, a bhios sa chathair.
"Tha coimhearsnachdan eileanach a' cur gu mòr ris an Rìoghachd Aonaichte is tha na dearbh dhùbhlain aca, cho math ris na dearbh chothroman", dh'innis Mgr Gove.
"Le Fòram nan Eilean faodaidh eileanaich a bhith ag obair còmhla agus cothrom aca cuideachd a' bruidhinn gu dìreach ris an Riaghaltas.
"Shoirbhich leis a' chiad chruinneachadh ann an Arcaibh is tha mi a' dèanamh fiughair ri coinneachadh ri riochdairean eileanach a-rithist ann an Eilean Wight", thuirt e.