Cuillin an cuilean gad fhàilteachadh gu Caisteal Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Chaidh ainm a' choin a bhios a' treòireachadh chloinne timcheall Chaisteal Inbhir Nis fhoillseachadh an dèidh farpais a bhith air a cumail airson ainm a thaghadh.
Chaidh iarraidh air clann bun-sgoile air feadh na Gàidhealtachd ainmean a mholadh dhan chù, a tha a' nochdadh ri cois Flòraidh NicDhòmhnaill san ìomhaigh-shnaidhte dhith air beulaibh an togalaich.
'S e Cuillin an t-ainm ùr air a' chuilean... a nochdas ann an riochd cartùin air bùird fiosrachaidh do chloinn san togalach.
Thàinig am moladh bho Lucy, a th' ann am P5 aig Bun-sgoil Bhaile an Fhraoich ann an Inbhir Nis.

Chaidh an t-ainm a thaghadh ri linn a' cheangail a th' aige ris an Eilean Sgitheanach - dhan do stiùir Flòraidh Teàrlach Òg Stiùbhart nuair a theich e à Beinn na Faoghla ann an 1746 - agus ri linn cho coltach 's a tha e ris an fhacal Ghàidhlig cuilean.
Tha Flòraidh NicDhòmhnaill, a bhuineadh do dh'Uibhist a Deas, ainmeil airson mar a chuidich i am Prionnsa teicheadh bho feachdan an Riaghaltais - iomairt mun deach an t-òran ainmeil an Skye Boat Song a sgrìobhadh fada an dèidh làimh.
Chan eil fhios dè an t-ainm a bh' air cù Flòraidh ann an da-rìribh - no air an fhaoileig a bhios tric na seasamh gu dìleas air ceann a h-ìomhaigh-shnaidhte.
Tha an caisteal air a bhith ga sgeadachadh air chosgais £30m mar ionad turasachd agus goireas poblach, an dèidh do chùirt a' bhaile gluasad gu làrach ùr.
Bidh luchd-ruith a' chaisteil an dòchas gun till a' chlann a bhios Cuillin a' stiùireadh mun cuairt.
Cha bhiodh iad cho toilichte nan tilleadh am Prionnsa fhèin, a spreadhadh an t-àite - seann Dùn Deòrsa - nuair a bha e fhèin ann an Inbhir Nis.