Cù Flòraidh na threòraiche aig Caisteal Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Bhrosnaich an cù a tha mar phàirt dhen ìomhaigh de Fhlòraidh NicDhòmhnaill aig Caisteal Inbhir Nis na daoine a tha a' ruith Turas Tro Chaisteal Inbhir Nis treòraiche do chloinn a chruthachadh.
Bidh an cù-chaorach ann an riochd cartùin ag innse mu na taisbeanaidhean anns a' chaisteal nuair a bhios e fosgailte dhan phoball.
Chuidich Flòraidh NicDhòmhnaill Am Prionnsa Teàrlach Eideart Stiùbhart nuair a bha e a' teicheadh bho na h-ùghdarrasan às dèidh Chùil Lodair ann an 1746.
Chan eil ainm a' choin a' nochdadh ann an cunntasan eachdraidheil sam bith, agus chaidh farpais do sgoilearan òga a chur air bhonn airson fear fhaighinn.
Bidh an fharpais fosgailte do chloinn anns a h-uile bun-sgoile air a' Ghàidhealtachd.

Tha an ìomhaigh de Fhloraidh NicDhòmhaill agus an cù air beulaibh Chaisteil Inbhir Nis.
Tha an seann chùirt is phrìosan ga leasachadh mar àite do luchd-tadhail an-dràsta agus bu chòir dha a bhith a' fosgladh dhan mhòr-shluagh am-bliadhna.
Cosgaidh an obair sin mu £30m.
Fhuair am pròiseact taic bho Aonta Sgìreil Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd, a tha luach £315m uile gu lèir.
Bidh "turas" tro eachdraidh na Gàidhealtachd anns a' chaisteal.
Bha am Prionnsa Teàrlach agus luchd-taic fo choill às dèidh Chùil Lodair agus bha Flòraidh NicDhòmhnaill, a bha a' fuireach ann am Beinn na Faoghla, am measg na rinn cobhair air.
Smaoinich i air a chur ann an aodach boireannaich airson a dhol dhan Eilean Sgitheanach, far an d' fhuair e cuideachadh.
Fhuair e air teicheadh dhan Fhraing mu dheireadh thall.
Tha cothrom feuchainn air an fharpais an seo, taobh a-muigh is e fosgailte chun an 19mh den Chèitean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An Gearran 2025

- Air fhoillseachadh13 An Lùnastal 2020
