Chan eil fhios cuin a thilleas seirbheis Aiseag a' Chorrain

- Air fhoillseachadh
Tha seirbheis Aiseag a' Chorrain ann an Loch Abar dheth agus chan eil e soilleir an till i ro dheireadh na seachdaineach.
'S i Comhairle na Gà idhealtachd a tha a' ruith na seirbheis eadar Loch Abar Ìochdarach agus Àird Ghobhair.
Bha trioblaidean stiùiridh aig a' phrìomh bhà ta, an MV Corran, aig an deireadh-sheachdain.
Tha i air a bhith a-mach à seirbheis bhon uair sin agus thèid obair-cà raidh a dhèanamh oirre.
Aig a' cheart à m, tha an soitheach faochaidh, am Maid of Glencoul, anns an doca airson obrach bliadhnail.
Thuirt Comhairle na Gà idhealtachd nach fhada gus an till i gu là n-sheirbheis ge-tà .
Tha astar de 42 mìle air an rathad eadar Loch Abar Ìochdarach agus Àird Ghobhair.
Chan eil an t-aiseag a' toirt ach còig mionaidean.