Poileasaidh ùr taigheadais do dhaoine a dh'fhuiling droch-dhìol taighe

Boireannach gun cheann le a làmhan paisgte air a h-uchdTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gur e boireannaich as motha a tha gun dachaigh mar thoradh air droch-dhìol taighe

  • Air fhoillseachadh

Tha poileasaidh taigheadais ùr aig Comhairle na Gàidhealtachd do dhaoine a dh'fhuiling droch-dhìol san dachaigh.

Thuirt an t-ùghdarras ionadail gun deach 2,700 cùis de dhochann san dachaigh a chlàradh le na poilis ann an 2023-24.

'S e fòirneart agus droch-dhìol ann an càirdeas a bu choireach ri 12% de na cùisean cion-dachaigheachd a chaidh a chlàradh le Comhairle na Gàidhealtachd.

Fon phoileasaidh ùr, tha a' Chomhairle air gealltainn gum faigh daoine a tha a' fulang droch-dhìol taighe cuideachadh, fiosrachadh agus comhairle mu na roghainnean taigheadais a th' aca gu luath agus gu cunbhalach.

Gheibh luchd-obrach taigheadais trèanadh mun phoileasaidh sna 12 mìos air thoiseach oirnn.

Lùghdachadh a thoirt air na tha gun dachaigh linn droch-dhìol na amas

Na measg, bidh an rùn gun obraich iad le buidhnean is seirbheisean eile, agus gun dèan iad cinnteach gu bheil fios aig daoine mar a gheibh iad seirbheisean speisealach.

'S e amas eile gun gabh iad gnothach ann an dòigh iomchaidh ri màladairean a tha ri droch-dhìol taighe.

Ann an aithisg, thuirt oifigich gun dèanadh am poileasaidh cinnteach gum biodh na seirbheisean taigheadais uile a' dèiligeadh gu cunbhalach ri daoine, agus gun cuireadh e ri obair na Comhairle lùghdachadh a thoirt air na tha de dhaoine a chailleas an dachaigh air sgàth droch-dhìol ann.

Thuirt an aithisg gur iad boireannaich a bha sa mhòr-chuid a bha san t-suidheachadh sin.

Tha am poileasaidh cuideachd a' buntainn ri fireannaich, leasbaich, daoine gèidh, dà-sheòrsach, tar-ghnèitheach agus neo-bhìnearaidh, cho math ri droch-dhìol air adhbaran "onair".

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Trending Now