CalMac: "Tha cha mhòr an treas cuid den chabhlach air fad againn a-mach à seirbheis"

- Air fhoillseachadh
Tha Caledonian Mac a' Bhruthainn a' toirt rabhadh uair eile mun bhuaidh a bhios air seirbheisean aiseig air feadh an lìonra aca agus sia soithichean mòra agus ceithir de na bàtaichean beaga briste neo a' faighinn a' chàraidh bhliadhnail aca.
Tha Àrd-oifigear na companaidh, Donnchadh Mackison, ag radh "gun robh dùil aca gun robh piseach air tighinn air cùisean ach tha an suidheachadh air fàs nas miosa".
Thuirt e: "Tha a h-uile duine aig CalMac gu math mothachail mun bhuaidh a th' air a bhith aig bristeadh sna seirbheisean air mòran eileanan san lìonra o chionn ghoirid, agus tha mi a' tabhainn mo leisgeul airson sin."
CalMac: "Suidheachadh cho doirbh 's dòcha 's a bh' againn a-riamh"
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt
CalMac an dùil an Glen Sannox is an Isle of Islay a chur air slighean nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadhBho chionn 7 làithean
Tha CalMac ag ràdh gu bheil iad ag ath-sgrùdadh na buaidhe air seirbheisean agus gum faod dùil a bhith aig coimhearsnachan eileanach mu an cuid planaichean Diciadain.
San eadar-ama tha am brath-naidheachd aca a' mìneachadh an t-suidheachaidh aig gach soitheach nach eil a' seòladh:
An MV Glen Sannox - a-mach à seirbheis air sgàth aoidion connaidh san einnsean. Tha iad ag aithneachadhnach nach beag na trioblaidean a th' air a bhith aig an t-soitheach on thill i bho obair-chàraidh agus gu bheil beag-earbsa aig daoine innte. Mar sin, thèid a cumail air Chluaidh airson a bhith nas fhaisge air taic air tìr ma tha sin a dhìth.
An MV Lord of the Isles - bha còir aice tilleadh gu seirbheis ach chaidh mothachadh do thrioblaid leis a' phrìomh einnsean. Thèid seo a sgrùdadh air Chluaidh, agus cha bhi dearbhadh air cuin a bhios i air ais gus an tòisich an obair-chàraidh. Faodaidh gun toir seo seo suas ri seachdain.
An MV Isle of Arran - tha obair-chàraidh air a bhith a' dol oirre airson cola-deug cha mhòr. Tha duilgheadas air a bhith ann couplings ùra airson a' bhow thruster aice fhaighinn air sgath a h-aois.
An MV Isle of Lewis - bha còir aig seirbheis bhliadhnail an t-soithich a bhith ullamh bho chionn còrr is mìos agus gum biodh i air ais ann an seirbheis air an 4mh den Mhàrt. Leis gum feumar obair stàilinn a bhith ann chan eil dùil gum bi i air ais slighe Bharraigh gu deireadh a' Chèitein.
An MV Hebrides - tha càradh bliadhnail a' dol air adhart agus tha dùil gum bi i air ais air an t-slighe eadar Ùige, Loch nam Madadh agus An Tairbeart air an 18mh den Ghiblean.
An MV Alfred - tha an t-seirbheis bhliadhnail deiseil agus ruigidh an soitheach Abhainn Chluaidh oidhche Mhàirt. Bidh an còrr fiosrachaidh ann Diciadain.
Na bàtaichean beaga
An MV Loch Bhrusda - tha trioblaid leis a' phrìomh einnsean aice agus thèid i a Mhalaig airson sin a chàradh. Tha dùil gum bi an obair sin deiseil air an 11mh den Ghiblean agus gun till an soitheach an latha ud neo air an ath latha. Tha CalMac ag ràdh gum bi soitheach aca a bheir luchd-siubhail thar Chaolas na Hearadh bho 13:10f Diciadain, ach nach d' fhuair iad air bàta fhaighinn a ghiùlaineas carbadan.
An MV Loch Linnhe - tha ola ag aoidion agus thèid obair-chàraidh a dhèanamh aig gàrradh an Eilean Bhòid. Tha dùil gun toir sin mu 48 uairean de thìd agus gum faod am bàta a dhol air ais gu seirbheis an dèidh sin.
An MV Loch Portain - tha i a' faighinn na seirbheis bliadhnail aice agus chan eil dùil rithe air ais ann an seirbheis gu an 12mh den Chèitean.
An MV Loch Frisa - tha an càradh bliadhnail oirre deiseil ach chan eil dùil aice air ais air an t-seirbheis eadar an t-Òban agus Creag an Iubhair gu an 13mh den Ghiblean agus i feumach air obair agus deuchainnean a bharrachd ris an robh dùil.
Gheibhear am fiosrachadh as ùire mu chlàran-ama an seo, taobh a-muigh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha

- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
