Aiseagan air aire luchd-poileataigs is iomairt an taghaidh a' leantainn

MV Glen Sannox
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an MV Glen Sannox a' tilleadh gu seirbheis Diciadain ach tha fhathast grunn bhàtaichean eile nan tàmh

  • Air fhoillseachadh

Tha suidheachadh nan aiseagan gu mòr air aire luchd-poileataigs agus CalMac air innse gu bheil cha mhòr an treas cuid den chabhlach air fad aca a-mach à seirbheis.

Ged a thàinig faochadh dhan chompanaidh is an Glen Sannox a' tilleadh gu seirbheis Diciadain às dèidh obair-càraidh, tha cuideam fhathast air slighean air feadh an lìonra.

Bha buillean ùra ann Dimàirt is an Lord of the Isles a' briseadh sìos a-rithist agus an MV Loch Bhrusda cuideachd air a toirt a-mach à seirbheis air sgàth trioblaid theicnigich, a' fàgail nach eil seirbheis do charbadan air Caolas na Hearadh.

Ann am brath ùr Diciadain, thuirt Buidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist a Deas (SUBIG) gum bu chòir do ChalMac an Alfred a chur eadar Loch nam Madadh is an Tairbeart is le cuid de sheòlaidhean a dh'Ùige.

Thuirt SUBIG cuideachd gur e "an aon rud a tha earbsach mun Lord of the Isles nach eil i earbsach ann", is gu bheil an suidheachadh air sealltainn às ùr cho deatamach 's a tha e gum faigh Uibhist a Deas aiseag ùr cho luath 's a ghabhas.

Dh'fhoillsich CalMac planaichean ùra às dèidh sin, nam measg an Isle of Islay a chur air slighe Bharraigh bho Dhiardaoin agus an Alfred a chur a dh'Ìle na h-àite.

Iain Swinney air an Loch Seaforth DiciadainTùs an deilbh, PA
Fo-thiotal an deilbh,

Iain Swinney a' tighinn a-steach a Steòrnabhagh air an Loch Seaforth Diciadain

Cha robh e na iongnadh mar sin gur e aiseagan a bh' aig mullach a' chlàir is am Prìomh Mhinistear Iain Swinney a' tadhal air Steòrnabhagh.

Thabhainn e leisgeul air eileanaich airson mar a tha an staing air buaidh a thoirt orra, is e ag ràdh gu bheil e mothachail air mar a tha an suidheachadh a' bualadh air beatha dhaoine is gnothachasan.

Tha Mgr Swinney a' gealltainn gun tèid maoin £10m a chur air dòigh airson taic a chur ri eileanan sa chiad 20 là de riaghaltas ùr SNP ma bhuannaicheas iad an taghadh, agus gun tèid eileanaich a chur air bùird bhuidhnean a tha an urra ri aiseagan.

Thuirt Mgr Swinney gun robh "àite sònraichte" air a bhith aig na h-eileanan na chridhe bho riamh.

"Tha cùram orm mun dèidhinn gu mòr, agus mar Phrìomh Mhinistear nì mi cinnteach daonnan gu bheil feumalachdan choimhearsnachdan eileanach aig cridhe an riaghaltais," thuirt e.

"Tha e soilleir dhomhsa gum feum seirbheisean aiseig a bhith nas tuigsiche air feumalachdan ar coimhearsnachdan eileanach.

Anas SarwarTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhàg Anas Sarwar air an SNP gu bheil iad air eileanaich a leigeil sìos fad cha mhòr 20 bliadhna

Thuirt labhraiche na còmhdhail aig Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, Daniel Johnson, gur suarach an tuigse a th' aig Mgr Swinney air eileanaich ma tha e a' sùileachadh gun creid iad facal a chanas e mu na h-aiseagan.

"Tha an gòraiche is fearas-mhòr seo bho Iain Swinney a' cur ciùrradh ri briseadh, agus gu h-iongantach shaoileadh tu leis gur ann am-bliadhna fhèin a thòisich èiginn nan aiseagan," thuirt e.

Gheall na Làbaraich mar-thà gun cuireadh iad CMAL - leis a bheil na soithichean fhèin - agus CalMac, a tha a' ruith nan aiseagan, an ceann a chèile airson buidheann ùr nàiseanta aiseagan a chruthachadh.

A' togail air gealltanas an SNP gus stòras £10m a stèidheachadh do dh'eileanan, thuirt ceannard nan Làbarach Albannach, Anas Sarwar: "Ann an ainm an àigh, càraich na donas aiseagan".

Alex Cole-Hamilton
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Alex Cole-Hamilton a' riasladh ri judo ann am Baile Dhubhthaich Diciadain

Thuirt ceannard nan Lib Deamach an Alba, Alex Cole-Hamilton, gun robh còir Pàrlamaid na h-Alba a ghairm air ais airson dèiligeadh ri suidheachadh nan aiseagan.

A' tadhal air Baile Dhubhthaich, far an robh e a' dèanamh judo, thuirt Mgr Cole-Hamilton gu bheil an SNP "a' clisgeadh" 's gu bheil iad air a bhith "nan cadal aig a' chuibhle", ag ràdh gur e suidheachadh a rinn an SNP fhèin a th' ann am buaireadh nan aiseagan.

Mhol e gun deadh iarrtas a chur gu Riaghaltas Bhreatainn airson cuideachaidh, 's gun toirear soithichean bho àiteachan eile sa Rìoghachd Aonaichte agus tìr-mòr na Roinn Eòrpa "airson coimhearsnachdan eileanach a chur a ghluasad às ùr".

Gheall na Lib Deamaich bile ùr aiseagan a chur air adhart an dèidh an taghaidh airson coimhearsnachdan a chur aig cridhe a' phròiseas airson bàtaichean-aiseig ùra fhaighinn.

Russell Findlay agus an Glen Sannox

Bha ceannard nan Tòraidhean, Russell Findlay, san Truthail agus ann an Àird Rosain is esan ag ràdh gur e "bùrach" a tha ann an suidheachadh nan aiseagan.

Thuirt Mgr Findlay gur e "samhla a th' ann air neo-chomasachd an SNP is gum bu chòir nàire a bhith air Iain Swinney."

'S gann gun gabh e creidsinn, thuirt e, gu bheil "Iain Swinney a-nise ag ràdh gu bheil e air taobh nan eileanach".

Tha na Tòraidhean cuideachd airson CalMac agus CMAL a chur còmhla, a thuilleadh air 1.5 soitheach ùr a thogail gach bliadhna.

Gillian NicAoidhTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Gillian NicAoidh ann an Arcaibh a' bruidhinn air poileasaidhean Uaineach dha na h-eileanan

Tha co-cheannard nan Uaineach, Gillian NicAoidh, a' tadhal air Arcaibh Diciadain a bhruidhinn air gnothaichean eileanach.

Mhol na h-Uainich gun deadh aig eileanaich air siubhal air aiseagan an-asgaidh bho seo a-mach mar dhìoladh airson na buaidhe a thug an troimhe-chèile orra thar nam bliadhnaichean.

Tha iad cuideachd a' moladh airgead-dìoghlaidh a thoirt do luchd-siubhail fa-leth.

Malcolm OffordTùs an deilbh, PA Media
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Malcolm Offord ann an Obar Dheathain a' foillseachadh poileasaidh chumhachd

Tha Reform UK cuideachd ann an ceann a tuath na h-Alba Diciadain.

Tha iadsan ag ràdh gu bheil e deatamach dha coimhearsnachdan agus eaconomaidh na h-Alba gun tèid suidheachadh nan aiseagan a leasachadh.

Tha am partaidh a' moladh prògram leantainneach deich bliadhna de dh'ùrachadh air soithichean agus leasachaidhean air calaidhean.

'S ann an Obar Dheathain a tha ceannard Albannach a' phartaidh, Malcolm Offord, an-diugh 's e fhèin is leas-cheannard Reform aig ìre na Rìoghachd Aonaichte, Richard Tice, a' foillseachadh poileasaidh chumhachd.

Trending Now