Gearan mu chùram chabhagach ann an ospadal Phort Rìgh

Port RìghTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt slàinte san Eilean Sgitheanach le dragh nach eil seirbheis a' chùraim chabhagaich aig ospadal Phort Rìgh ag obair mar a bhiodh dùil aca.

Bho chionn seachd bliadhna mhol ath-sgrùdadh a rinn Sir Lewis Ritchie gum bi cùram cabhagach ri fhaighinn aig Ospadal Phort Rìgh a là agus a dh'oidhche fad na seachdain

Thòisich am modail airson cùram cabhagach a thoirt seachad làn-ùine san Lùnastal an-uiridh.

Tha seo an dèidh iomairt mhòr sa choimhearsnachd air a shon.

Chuala coinneamh phoblach am Port Rìgh oidhche Luain ge-tà, dragh gu bheil mì-chinnt a' cuairteachadh mar a tha an t-seirbheis ga coileanadh.

Tha Fay NicThòmais, Cathraiche na Buidhne-Strì Skye SOS-NHS, ag ràdh gun do dh'innis manaidsearan NHS na Gàidhealtachd dhaibh "nach eil am modail ag obrachadh agus Àrd-Nursaichean Practitioner gun gu leòr a nì iad leis nach eil daoine a' dol ann".

"Aig a' cheart àm," thuirt i, "thathar ag innse dhuinn nach urrainn dhuinn dìreach nochdadh ann agus gum bu chòir fònadh an toiseach gu 111, rud nach eil èifeachdach san sgìre seo leis gu bheil e a' toirt cho fada a dhol tron phròiseas ud."

Ospadal Phort Rìgh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha luchd-iomairt slàinte ag ràdh gu bheil "mì-chinnt" ann mu sheirbheis a' chùraim chabhagaich an Ospadal Phort Rìgh

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil "seirbheis a' chùraim chabhagaich 24/7 aig Ospadal Phort Rìgh ga ruith le measgachadh de luchd-obrach chlionaigeach stèidhichte am Port Rìgh a tha ag obair le an co-obraichean san Ath Leathann".

Thuirt iad: "Tha sin a' ciallachadh gum faigh daoine an cùram ceart aig an àm cheart agus san àite cheart."

Thuirt iad gun do choinnich am bòrd-slàinte le buill Buidheann-Stiùiridh Sir Lewis Ritchie na bu thràithe air a' mhìos seo, agus gu bheil iad airson còmhradh fosgailte a bhith ann mu bhith a' leasachadh na seirbheis.

Trending Now