Campas ùr Bhaile Dhubhthaich an làmhan na Comhairle

Clann-sgoile leis na h-iuchraicheanTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd
  • Air fhoillseachadh

Fhuair Comhairle na Gàidhealtachd iuchraichean campas sgoile ùr Bhaile Dubhthaich, le dùil gum bi clann ag ionnsachadh ann bho nas fhaide den earrach.

Tha an campas ùr, luach £72m, a' toirt a-steach Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich, Bun-Sgoil ùr Bhaile Dhubhthaich - bun-sgoiltean Chnoc na Creige agus a' Chnuic Bhric air an cur còmhla - agus Sgoil Mo Dhubhthaich uile air an aon làraich.

Glèidhidh gach sgoil a fèin-aithne fhèin air an làraich ùir, le cuid de ghoireasan gan roinn eatorra.

Bidh aonad Gàidhlig Bhun-Sgoil Chnoc na Creige mar phàirt den bhun-sgoil ùir.

A thuilleadh air foghlam tràth-bhliadhnaichean, bun-sgoile agus àrd-sgoile, tha na h-uimhir de ghoireasan coimhearsnachd air an làraich ùir, le cothrom air goireasan spòrs an dèidh uairean na sgoile.

'S e a' chiad sgoil air Ghàidhealtachd le teisteanas Passivhaus, agus e air a thogail le tòrr insulachd, adhair-dhìonachd agus siostam gaothachaidh a ghlèidheas teas agus cumhachd.

Tha obair a-niste ga dhèanamh gus clann agus pàrantan ullachadh air thoiseach air a' ghluasad, agus àirneis, uidheamachd is eile gan cur a-steach.

Tòisichidh clann Bhun-Sgoil Bhaile Dhubhthaich agus Sgoil Mo Dhubhthaich air a' champas ùr Diciadain 22na là den Ghiblean, le sgoilearan Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich a' gluasad a-steach Diciadain 3mh là den Ògmhios an dèidh nan deuchainnean.

"Foighidinn"

"Bha e mìorbhaileach an campas ùr fhaicinn agus na goireasan air leth a chaidh a chruthachadh do sgoilearan agus luchd-obrach," thuirt cathraiche comataidh an fhoghlaim, an Comh Iain MacFhionnlaigh

"'S e clach-mhìle chudromach a tha seo dha coimhearsnachd Bhaile Dhubhthaich, agus tha mi misneachail gun toir an campas coimhearsnachd ùr seo taic ri àrainn ionnsachaidh aig àrd-ìre, le aonad Gàidhlig soirbheachail agus cothroman nas fharsainne air co-obrachadh eadar na trì sgoiltean agus a' choimhearsnachd airson bliadhnaichean ri teachd."

Thug Iain MacFhionnlaigh taing do phàrantan, sgoilearan agus luchd-obrach nan sgoiltean "airson an cuid foighidinn" fhad 's a tha am pròiseact ga chrìochnachadh.

Tha am pròiseact mar phàirt de ro-innleachd mhaoinichte a tha ag amas air ùrachadh a thoirt air sgoiltean, bun-structar agus seirbheisean air feadh na Gàidhealtachd, a chosgas £2.1bn thairis air 20 bliadhna.

Trending Now