Chaidh cuirp dhithis a lorg an Gleann Comhann

Bha iomart mhòr ann lorg fhaighinn air Tom Parry 's a mhac Richie
- Air fhoillseachadh
Dhearbh na Poilis gun deach dĂ chorp a lorg ann an Gleann Comhann.
Thuirt iad nach deach an aithneachadh gu h-oifigeal ach gu bheil iad air fios a chur air teaghlach Tom Parry, 49, agus a mhac Richie, 12, à Cheshire a bha a dhìth anns an sgìre.
Thuirt Sgioba-Teasairginn Ghleann Comhann gun robh an dithis gu math eòlach air coiseachd nam beann, agus gun robh an smuaintean le an teaghlach aig an à m dhuilich seo.
Bha mu 45 saor-thoilich bho sgiobaidhean-teasairginn nam beann an sàs san iomairt mhòir airson lorg fhaighinn air an dithis le taic heileacoptar nam Maor-Cladaich.
Thuirt na Poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn, ach nach eil coltas amharasach sam bith air a' ghnothach. Thèid aithisg a chur gu Neach-Casaid a' Chrùin an ceann ùine.
Thuirt an t-Insp Craig Johnstone gu bheil an smuaintean leis a h-uile duine a tha an lùib na cùise, 's thug e taing dha na seirbheisean èiginn agus muinntir saor-thoileach sgiobaidhean teasairginn nam beann.

Bha Mgr Parry ag obair don chompanaidh stiĂąireadh riosg The Senate Group.
Ann am brath sgrìobhte thuirt a' chompanaidh: "Tha a h-uile duine againn cho duilich an naidheachd uabhasach mu Tom agus a mhac, Richie, a chluinntinn an-diugh.
"B' e co-obraiche agus caraid air leth a bh' ann an Tom, a bha ag obair gu cruaidh agus gu dealasach agus bidh ionndrainn mòr air."
"Tha ar co-fhaireachdainn ri teaghlach Tom agus Richie," thuirt iad.
Bha Richie air tòiseachadh bho chionn ghoirid air cluich don sgioba ùr fo aois 13 aig AFC Alsager.

Tha Eaglais Naomh Moire a' cumail taic ris a' choimhearsnachd
Thuirt Eaglais Naomh Moire ann an Alsager gun robh an teaghlach, an caraidean agus an nà bhaidhean nan ùrnaighean an dèidh naicheachd cho duilich.
Bha dùil ri Mgr Parry agus a mhac air ais dhachaigh Diciadain an dèidh dhaibh a dhol air chuairt chun na Gà idhealtachd.
Bha uisge mòr agus tà irneanaich ann an t-seachdain-sa, agus sgaoil Oifis na Sìde rabhadh buidhe airson stoirmen tà irneach Diluain.
Dhearbh na poilis gun deach cĂ r an dithis a lorg ann an pĂ irce-chĂ raichean Allt an Ruighe ann an Gleann Comhann Ă s an do dh'fhalbh iad DimĂ irt.
Tha eachdraidh agus bòichead a' ghlinn a' tarraing nam mìltean luchd-tadhail a h-uile bliadhna.