Adhartas do thuath-gaoithe coimhearsnachd an Leòdhas

Sia crainn aig tuath-gaoithe air talamh còmhnard leis a' ghrian a' dol fodhaTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na trì urrasan coimhearsnachd airson naoi crainn a thogail air Mòinteach Bharabhais

  • Air fhoillseachadh

Chaidh aithisg a tha a' mìneachadh plana urrasan coimhearsnachd air taobh siar Leòdhais airson tuath-gaoithe anns am biodh naoi crainn faisg air 180m de dh'àirde a chur gu Comhairle nan Eilean Siar.

Tha an leasachadh ga chur air adhart le Cumhachd Coimhearsnachd an Taobh Siar (WCCE) - co-bhanntachd de thrì uachdarain phoblach - Urras Oighreachd Bharabhais, Urras Oighreachd Chàrlabhaigh agus Urras Oighreachd Ghabhsainn.

'S ann air làrach mu 180 heactair air Mòinteach Bharabhais air talamh taobh a-staigh chrìochan Urras Oighreachd Ghabhsainn a bhiodh an sgeama.

Tha aithisg WCCE a' mìneachadh gun d' fhuair na h-urrasan coimhearsnachd tabhartas bho Scottish Hydro Electrice Power Distribution Earranta gum faigh iad ceangal ri stèiseanan dealain ùra ann an Steòrnabhagh.

Bidh Hub Leòdhais ceangailte ri càball ùr fon mhuir a bheir dealan a thèid a chruthachadh san eilean gu tìr-mòr.

Bhiodh a' chuid as motha den chumachd sin air a chruthachadh le pròiseactan coimeirsealta a tha air na h-uimhir de chonnspaid adhbharachadh, tuath-gaoithe mara far chosta taobh siar Leòdhais nam measg.

Tha an aithisg measaidh aig WCCE a' mìneachadh na bhios a dhìth a thaobh sgrùdaidhean àrainneachd agus a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air fiadh-bheatha.

Tha an làrach ri taobh pìos den mhòintich a th' air a chomharrachadh mar Sgìre Shònraichte Ghlèidhteachais.

Tha an aithisg measaidh a' toirt iomradh air na draghan a thog Comhairle nan Eilean Siar mu bhiastan-dubha agus mu eòin a tha a' tighinn beò ann - gu h-àraid a' bhuaidh a dh'fhaodadh a bhith air iolairean-buidhe agus clamhanan-fraoich.

Feumar sgrùdaidhean àrainneachd a dhèanamh mus cuir WCCE a-steach airson cead na crainn a thogail.

Tha WCCE ag ràdh gum faodadh gun cruthaicheadh an tuath-gaoithe timcheall air 185GW sa bhliadhna thairis air suas ri 40 bliadhna.

Tha dùil gun toireadh an obair-togail suas ri dà bhliadhna, agus gur ann à Gàrradh Àranais a thigeadh na pàirtean airson nan crann.

Trending Now