Taighean ùra air fàire air taobh siar Leòdhais

Thathar airson 's gum bi taigheadas gu leòr a chumas daoine san sgìre
- Air fhoillseachadh
Tha Urras Oighreachd Ghabhsainn, a tha leis a' phoball, a' sireadh cead-dealbhachaidh airson ochd taighean a thogail ann am Barabhas air taobh siar Leòdhais.
Bhiodh daoine ag obair air pròiseactan SSEN a' fuireach sna taighean ùra a' chiad ghreis.
Bhiodh na taighean às dèidh sin rim faotainn don phoball a dh'fhaodadh an ceannach neo am faighinn air màl.
Thuirt Niall MacFhionghain bho Urras Oighreachd Ghabhsainn: "Tha daoine san sgìre a tha a' lorg taigh eile, 's tha coinneamhan air a bhith againn le croitearan agus tha iadsan airson seo. "
Bhiodh an leasachadh a tha iad a' moladh air talamh ionaltraidh.
'S fhada bho chaidh a chomharrachadh le Comataidh Ionaltraidh Bharabhais Uaraich mar làrach a bhiodh freagarrach airson taigheadais, agus draghan orra nach robh taigheadas gu leòr ann a chumadh teaghlaichean òga gu h-àraid sa choimhearsnachd.

Tha Niall MacFhionghain ag ràdh gu bheil cunnart ann gum falbh an òigridh mura faigh iad àite-fuirich dhaibh fhèin
Chaidh na planaichean a thaisbeanadh aig tachartas poblach san sgìre an-uiridh agus chaidh fàilte a chur orra gu ìre mhòir, a rèir oifigich phlanaidh.
Thuirt Niall MacFhionghain: "Feumaidh sinn àitichean eile a bhith ann airson daoine a tha ag obair gu h-àraid oir 's iad an fheadhainn a tha a' falbh.
"Cuideachd àitichean airson òigridh oir tha feadhainn a chuir a-steach freagairtean an-uiridh ag ràdh gu bheil iad an-dràsta a' lorg àite dhaibh fhèin agus mura h-eil cothroman ann tha daoine a' falbh."
'S e na h-ochd taighean a' chiad ìre den obair-togail a tha san amharc aig an uachdaran phoblach.
Tha mòr-phlana ann airson 34 taighean aig prìs reusanta cho math ri làraichean airson taighean a thogail.
Tha iad cuideachd airson flataichean do dhaoine a tha feumach air beagan taice agus cùraim a stèidheachadh air an làraich.
Tha iad an dòchas tòiseachadh air a' chiad ìre den phròiseact san Lùnastal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh15 Am Faoilleach 2018
