MV Isle of Islay air seòladh

An MV Isle of Islay is i a' dèanamh deiseil airson seòladh à Ìle madainn Dimàirt
- Air fhoillseachadh
Chaidh an MV Isle of Islay a chur ann an seirbheis air slighe Ìle.
Bha maill air a dhol oirre anns na làithean mu dheireadh ri linn trioblaid theicnigich.
Sheòl i à Port Asgaig gu ruige Cheann na Creige aig 12:30f.
Seo agus CalMac air a ràdh gu bheil uallach leithid nach fhacas roimhe orra, le grunn de na bàtaichean aca a-mach à seirbheis an-dràsta, ag adhbharachadh atharrachaidhean ann an clàran-ama air feadh an lìonra.
Nam measg tha còig de na bàtaichean as motha aca, a thuilleadh air a' chatamaran a th' air fhastadh aca, an MV Alfred, agus dà bhàta nas lugha a tha uile gan càradh an dèidh do thrioblaidean nochdadh, no a' faighinn an càraidh bhliadhnail.
Tha an cion bhàtaichean a' fàgail gu bheil seirbheis eadar Bàgh a' Chaisteil, Loch nam Madadh agus Ùige san Eilean Sgìtheanach a' tòiseachadh Dimàirt, a' ciallachadh nach bi seirbheisean ann idir à Loch Baghasdail gu seachdain Disathairne seo tighinn air a' char as tràithe.
Tha e a' fàgail cuideachd nach bi aiseag air an Tairbeart anns na Hearadh ach air trì làithean eadar sin agus seo.
Tha an MV Isle of Mull ga cur air seirbheisean Cholla, Thiriodh agus Cholbhasa.
Gheibhear am fiosrachadh as ùire air air làrach-lìn ChalMac, taobh a-muigh.

Tha an Isle of Islay (clì) nas lugha na an Glen Sannox (deas)
Chaidh an MV Isle of Islay a thogail san Tuirc, a' chiad tè de cheithir soithichean ùra a tha gan togail airson ChalMac aig Gàrradh Cemre.
Tha i 85m de dh'fhaid, agus comasach air 450 de luchd-siubhail agus 100 càr no 14 làraidhean a ghiùlain.
Tha i a' dol còmhla ris an MV Finlaggan air seirbheis Ìle, a' toirt leudachaidh 40% air comas giùlain aiseagan an eilein.
"Bidh eileanaich air a faicinn a-muigh air deuchainnean sna seachdainnean mu dheireadh, ach 's e seo a' chiad uair a thèid aca air siubhal air bòrd," thuirt àrd-oifigear ChalMac, Donnchadh Mackison.
"Cuirear fàilte dha-rìribh air an diofar a nì an soitheach seo a thaobh comais ghiùlain - 40% - air an t-slighe thrang seo, gach cuid do luchd-siubhail agus bathair."
Chaidh a h-òrdachadh bho Ghàrradh Cemre o chionn ceithir bliadhna, agus bha dùil an toiseach gun deadh a toirt seachad do ChalMac faisg air deiradh 2024.
Ach chuir grunn rudan leithid cogadh na h-Ucràin agus crith-thalmhainn san Tuirc maill air sin.

Thèid an MV Isle of Islay còmhla ris an MV Finlaggan air slighean Ìle
Tha i fhèin agus na trì bàtaichean eile a tha fhathast gan togail san Tuirc nas lugha na an dàrna bàta as ùire aig CalMac, an MV Glen Sannox, 's iad a' cleachdadh einnseanan diesel-dealain, a thuilleadh air beagan taic bho bhataraidhean nuair a tha i a' tionndadh ann an calaidhean.
Tha atharrachaidhean mòra orra an taca ris na bàtaichean a th' air a bhith aig CalMac roimhe ge-tà, 's iad a' tarraing barrachd uisge, gam fàgail nas slìogaiche 's nas èifeachdaiche a thaobh connaidh.
Bha dreidseadh a dhìth airson barrachd doimhneachd a dhèanamh dhaibh, a thuilleadh air atharrachaidhean eile, ann an cuid de chalaidhean.
Deuchainnean Marmara an MV Isle of Islay
- Air fhoillseachadh22 An t-Iuchar 2025
Isle of Islay gu bhith air feadh nan eilean
- Air fhoillseachadh10 Am Màrt
Air bòrd an MV Isle of Islay
- Air fhoillseachadh21 Am Faoilleach
'S iad cuideachd na ciad soithichean mòra aig CalMac anns a bheil aonadan propulsor Voith Schneider - lannan a bhios a' crochadh gu dìreach bho dhruma 's a' cur char fon uisge, an àite phroipeilearan traidiseanta.
Tha leithid de shiostaman, a tha a' fàgail nach eil feum air falmadair, agus iad mar thà an sàs air cuid de na soithichean nas lugha aig CalMac.
'S iad na ceithir bàtaichean a tha a' faighinn an càraidh bhliadhnail:
MV Alfred (tha dùil rithe air ais air an t-6mh là den Ghiblean)
MV Loch Frisa (tha dùil rithe air ais air an 9mh là den Ghiblean)
MV Hebrides (tha dùil rithe air ais air a' 15mh là den Ghiblean)
MV Isle of Lewis (tha dùil rithe air ais sa Chèitean)
Tha ceithir bàtaichean eile a tha gan càradh ri linn trioblaidean teicnigeach:
MV Isle of Arran (dheth bhon 25mh là den Mhàrt)
MV Glen Sannox (dheth bhon 26mh là den Mhàrt)
MV Lord of the Isles (dheth bhon 28mh là den Mhàrt)
MV Isle of Cumbrae (dheth bhon 30mh là den Mhàrt)
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
